Luing, Tiriodh, Colla, Eilean Ì, Diùra
Fred MacAmhlaigh a' tarraing à tobar an dualchais an tasglann a' BhBC ann an 1987. Fred MacAulay explores the rich folklore recorded by the BBC in the islands and Canada in 1987.
Aig toiseach na bliadhna bha sinn a' comharrachadh ceud bliadhna bha rugadh Fred MacAmhlaigh, Freadaidh Dhòmhnaill Bhà in a' Mhullaich - sà r chraoladair, sgoilear eachdraidh agus canà in, bà rd agus, as cionn a h-uile cà il tha sin, fear de mhuinntir Sholais, an Uibhist a Tuath.
A seo tha sinn a' toirt thugaibh sreath phrògraman a rinn e trà th ann an 1987 agus e a' dol dhan tasglann aig Roinn na Gà idhlig aig a' BhBC agus a' taghadh neamhnaidean prìseil à s. Sa phrògram mu dheireadh tha e a' toirt sgriob tro Luing, Tiriodh, Colla, Eilean Ì agus Diùra.
Gheibh sinn sgeulachd 'Mà iri agus an Cat' bho Nina Langley à Tiriodh, cluinnidh sinn bho Sheonaidh Moireasdan à Colla mu a chur-seachad a' dèanamh fhidheallan agus mu obair là .
Rugadh is thogadh Seonaidh Caimbeul ann an Eilean Ì, ged a bha e a' fuireach ann am Muile, agus innisdh e mar a bha e ri bà rdachd.
B' ann an Diùra a rugadh Dòmhnall MacSuain agus gheibh sinn a-mach beagan mu eachdraidh an eilein bhuaithe.
A thuilleadh air a sin, cluinnidh sinn òrain aig Dòmhnall Mac a' Phiocair agus Còisir Sgoil Rockfield, port air an fhidheall bho Raibeart MacAnndrais agus bà rdachd air Eilean Ì aig Seonaidh Caimbeul.
Last on
Broadcasts
- Wed 31 Dec 202515:30BBC Radio nan GÃ idheal
- Sun 4 Jan 202615:30BBC Radio nan GÃ idheal
- Sun 4 Jan 202621:30BBC Radio nan GÃ idheal
