Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1383
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1383. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sun 18 Jan 202613:55
BBC Radio nan GÃ idheal
![]()
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 1079
Clip
![]()
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1383
Duration: 04:51
Litir 1383: Na Rathaidean Co-shìnteach (1)
Anns na ceithir Litrichean a dh’fhalbh, bha sinn ann an Gleann Ruaidh ann am Brà igh Loch Abar. Thòisich sinn aig bonn a’ ghlinne ann an Drochaid Ruaidh. A-nise tha sinn air ceann shuas a’ ghlinne a ruigsinn agus abair à ite!
Tha a’ phà irt seo de Ghleann Ruaidh ainmeil air feadh an t-saoghail, gu h-à raidh am measg eòlaichean chreagan. Carson? Uill, sin far am faic sibh na ‘rathaidean co-shìnteach’ – trì loidhnichean mòra air a’ mhonadh a tha co-shìnteach ri chèile. Don t-sùil, tha iad, gu dearbh, coltach ri rathaidean. Mura robh sibh riamh ann, mholainn an t-à ite gu mòr dhuibh.
Ann an seann chunntas mu na rathaidean a chaidh fhoillseachadh ann an ochd ceud deug is dhà air fhichead (1822), tha seo: ‘In English, they are now called parallel roads; the inhabitants know them by the name of the King’s hunting roads.’ Tha mi an dùil, ma-thà , gur e ‘Rathaidean-seilg an Rìgh’ a bh’ aig muinntir an à ite orra.
A rèir choltais, bha iad dhen bheachd gun deach na rathaidean a thogail le daoine o chionn fhada. Bha sin gus leigeil le rìghrean na h-Alba a dhol a-steach don bheinn-sheilg nuair a bha iad a’ fuireach greis ann an Inbhir Lòchaidh – faisg air far a bheil An Gearasdan an-diugh.
Carson, ge-tà , a bha trì rathaidean ann? Uill, fear airson an Rìgh agus a chompanaich a bh’ air muin-eich, fear airson charbadan agus fear airson ... uill, rudeigin air choreigin eile!
A rèir choltais bha cuid dhen bheachd gur iad na Fianna a thog na rathaidean airson a dhol a shealg anns na beanntan, ach chan fhaca mi sin ann an dreach sgrìobhte ann an Gà idhlig.
Tha na ‘rathaidean’ – aig astar – a’ coimhead coltach ri ceumannan-coise dhen t-seann seòrsa, a’ dèanamh slighe a-steach do na beanntan. Ach bha mi airson coiseachd air fear dhiubh, airson faicinn an robh e furasta gu leòr coiseachd air.
Shreap mi suas an leathad bhon à ite-phà rcaidh, agus chaidh mi seachad air a’ chiad rathad co-shìnteach gun fhiosta. Gu fortanach, bha am mapa air a’ fòn agam co-cheangailte ri GPS agus thuig mi mo mhearachd. Thill mi sìos. Cha robh an rathad follaiseach idir. Cha bhiodh e furasta falbh air, an tòir air na fèidh. Ma bha an talamh rud beag còmhnard far an robh an ‘rathad’, cha robh e uabhasach follaiseach dhòmhsa.
Anns an naoidheamh linn deug, thòisich luchd-saidheans air sgrùdadh a dhèanamh air na rathaidean co-shìnteach. Bha iad dhen bheachd gur e rud nà darrach a bh’ ann, ach cha robh iad cinnteach dè dìreach a chruthaich na rathaidean. Ceart gu leòr, bha daoine dhen bheachd gun robh uisge an sàs ann. Chan e a-mhà in gu bheil na trì rathaidean co-shìnteach ri chèile ach gu bheil iad uile còmhnard. Dè an rud as motha a sheatlaigeas còmhnard agus a dh’atharraicheas cumadh na tìre? Dè ach uisge? An robh seann chladaichean an sin gu h-à rd air monaidhean Ghlinn Ruaidh?
Ann an ochd ceud deug, trithead ’s a h-ochd (1838) thà inig neach-saidheans òg – a bha gu bhith fìor ainmeil – don Ghà idhealtachd. B’ esan Teà rlach Darwin. Bha e dìreach air tilleadh bho a thuras air feadh an t-saoghail air a’ Bheagle. Bha ùidh mhòr aige anns na rathaidean co-shìnteach. Ach, mar a chì sinn, ’s e fear eile a dh’obraich a-mach mar a thà inig iad gu bith ann an Linn na Deighe.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Gleann Ruaidh: Glen Roy; Brà igh Loch Abar: Brae Lochaber; Drochaid Ruaidh: Roybridge; rathaidean co-shìnteach: parallel roads; mholainn: I would recommend; An Gearasdan: Fort William; seann chladaichean: old shorelines; Linn na Deighe: The Ice Age.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: A-nise tha sinn air ceann shuas a’ ghlinne a ruigsinn agus abair à ite!: now we have reached the upper part of the glen and what a place!; ainmeil air feadh an t-saoghail, gu h-à raidh am measg eòlaichean chreagan: famous throughout the world, particularly among geologists; mura robh sibh riamh ann: if you have never been there; gus leigeil le rìghrean na h-Alba a dhol a-steach don bheinn-sheilg: to allow the kings of Scotland to go to the hunting hill; nuair a bha iad a’ fuireach greis ann an Inbhir Lòchaidh: when they were staying for a while in Inverlochy; agus a chompanaich a bh’ air muin-eich: and his companions who were on horseback; rudeigin air choreigin eile: something or other else; coltach ri ceumannan-coise dhen t-seann seòrsa: like old-fashioned walking tracks; shreap mi suas an leathad bhon à ite-phà rcaidh: I climbed up the slope from the parking area, chaidh mi seachad air a’ chiad rathad co-shìnteach gun fhiosta: I went past the first parallel road without realising it; thuig mi mo mhearachd: I understood my mistake; an tòir air na fèidh: in pursuit of the deer; cha robh e uabhasach follaiseach dhòmhsa: it wasn’t particularly obvious to me; ceart gu leòr, bha daoine dhen bheachd gun robh uisge an sàs ann: certainly, people reckoned that water was involved; chan e a-mhà in gu bheil trì rathaidean co-shìnteach ri chèile ach gu bheil iad uile còmhnard: it’s not only that the three roads are parallel to each other but that they are all horizontal; dè an rud as motha a sheatlaigeas còmhnard agus a dh’atharraicheas cumadh na tìre: what is the thing that most [commonly] settles horizontally and that changes the form of the land; a bha gu bhith fìor ainmeil: who was going to become extremely famous.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: ochd ceud deug is dhà air fhichead: 1822. This is an alternative, and slightly more traditional, way of saying ochd ceud deug, fichead ʼs a dhà . Also it is worth noting that some people omit the ‘ceud’ in these dates, following the English model where there is no mention of ‘hundred’ i.e. ochd deug is dhà air fhichead or ochd deug, fichead ʼs a dhà .
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: Anns na ceithir Litrichean a dh’fhalbh: last/previous four Litrichean.
Broadcast
- Sun 18 Jan 202613:55BBC Radio nan GÃ idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
![]()
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.