Main content

Litir do Luchd-ionnsachaidh 1387

Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir àireamh 1387. Roddy Maclean reads this week's letter for Gàidhlig learners.

16 days left to listen

5 minutes

Last on

Sun 15 Feb 202613:55

Litir 1387: Murchadh nan Gobhar (3)

Bha mi ag innse dhuibh mu Mhurchadh nan Gobhar ann an Cinn t-Sàile. Bha e ainmeil airson cho fallain ’s a bha e, eadhon aig seann aois. Chan eil mi cinnteach am biodh e a’ cluich iomain, ach latha a bha seo – Latha na Bliadhn’ Ùire – bha geama mòr iomain gu bhith ann air pàirc faisg air an taigh aige. Nise, airson an sgeul seo a thuigsinn, feumaidh mi innse dhuibh gun robh mullach-tughaidh air taigh Mhurchaidh – tughadh a bh’ air a dhèanamh de fhraoch, mar a bha cumanta air a’ Ghàidhealtachd.

Bha Murchadh agus caraid dha airson a bhith ri poidseadh fèidh an latha sin. Chaidh iad don mhonadh-sheilg a bha mu cheithir mìle bho thaigh Mhurchaidh. Mharbh iad fiadh agus rinn iad greallachadh air. Gheàrr iad closach an fhèidh ann an ceithir pìosan agus thug iad leotha na ceathramhan-deiridh. Bha iad a’ dol a thilleadh an ath latha airson na ceathramhan-toisich a thoirt dhachaigh.

Bha caraid Mhurchaidh mì-chinnteach mu dheidhinn na ceathramhan-deiridh a thoirt air ais oir bhiodh sluagh mòr fhathast ann aig pàirc na h-iomain. Anns na làithean ud, air Latha na Bliadhn’ Ùire, bhiodh na geamannan iomain a’ dol fad an latha! Ciamar a bha iad a’ dol a thoirt na feòla seachad air na daoine sin gun fhiosta dhaibh?

Bha plòigh aig Murchadh oir bha e gu math innleachdail. Thug e dheth a bhreacan-guailne agus chuir e sin timcheall na feòla. Chòmhdaich e a h-uile càil le gasan fraoich agus chuir e sin air a dhruim. Nuair a bha iad faisg air an taigh aige, thàinig fear a bhruidhinn ri Murchadh. Bha an geama iomain a’ tighinn gu ceann. ‘Dè th’ agad an sin, a Mhurchaidh?’ thuirt e.

‘Chan eil ann ach fraoch airson mullach an taighe,’ fhreagair Murchadh. Ràinig an t-sitheann an taigh aige gun an còrr dàlach!

Bhiodh Murchadh a’ dol gu tric don mhargaidh sprèidh aig Tom na Fèille ann an Cille Chuimein. Turas a bha seo, bha fear a bha a’ ceannach agus a’ reic ghobhar amharasach mu Mhurchadh agus mun chliù aige mar bhuachaille-ghobhar air leth. ‘Dè na th’ agad de ghobhair uile-gu-lèir, co-dhiù?’ dh’fhaighnich e.

‘À,’ fhreagair Murchadh, ‘nam biodh an aon uiread de dheargannan nad chuid aodaich ’s a th’ agam de ghobhair, chan fhaigheadh tu fois sam bith a-nochd!’

Bha Murchadh measail air fighe le biorain. Rinn e na mìltean de phaidhrichean stocainnean. Bhiodh e ri fighe fhad ’s a bha e a’ cumail sùil air na gobhair aige.

Rinn am fear a sgrìobh an t-alt mu Mhurchadh ann an Scotland’s Magazine, Alasdair Caimbeul, rannsachadh gu leòr air an duine. An dèidh fichead bliadhna de rannsachadh, fhuair e grèim air dealbh-camara dheth, agus Murchadh na bhodach.

Nuair a bha e òg, bhruidhinn Alasdair ri daoine a bha eòlach air Murchadh bliadhnaichean roimhe, agus a thachair ris aig na fèilltean-sprèidh. Bha sin a’ gabhail a-steach phearsaichean eaglais. Dh’inns iad do dh’Alasdair gun robh cumhachdan iongantach aig Murchadh. Mar eisimpleir, nuair a bha e air gobhar no meann a reic, cha robh aige ach a bhachall a thogail agus am beathach a chomharrachadh leis. Bhiodh a’ ghobhair an uair sin a’ coiseachd thuige gu socrach.

B’ e sin Murchadh nan Gobhar. Tha fhios gum bi feadhainn ann an Cinn t-Sàile air sgeulachdan is naidheachdan a chluinntinn mu dheidhinn.

Faclan na Litreach

Faclan na Litreach: Murchadh nan Gobhar: Murdo of the Goats; Cinn t-Sàile: Kintail; iomain: shinty; Latha na Bliadhn’ Ùire: New Year’s Day; mullach-tughaidh: thatched roof; poidseadh: poaching; innleachdail: inventive; meann: kid [goat].

Abairtean na Litreach

Abairtean na Litreach: ainmeil airson cho fallain ’s a bha e, eadhon aig seann aois: famous for how healthy he was, even at an advanced age; tughadh a bh’ air a dhèanamh de fhraoch: thatch that was made of heather; don mhonadh-sheilg: to the hunting hill; gheàrr iad closach an fhèidh: they cut the deer carcase; thug iad leotha na ceathramhan-deiridh: they took the haunches (hind-quarters) with them; bhiodh sluagh mòr fhathast ann aig pàirc na h-iomain: there would still be a large number of people at the shinty field; thug e dheth a bhreacan-guailne agus chuir e sin timcheall na feòla: he took off his shoulder plaid and he put that around the meat; chòmhdaich e a h-uile càil le gasan fraoich: he covered everything with stems of heather; don mhargaidh sprèidh aig Tom na Fèille ann an Cille Chuimein: to the livestock market at Markethill in Fort Augustus; bha fear a bha a’ ceannach agus a’ reic ghobhar amharasach mu Mhurchadh agus mun chliù aige mar bhuachaille-ghobhar air leth: a man who was buying and selling goats was suspicious of Murdo and his reputation as a remarkable goatherd; nam biodh an aon uiread de dheargannan nad chuid aodaich ’s a th’ agam de ghobhair: if you had the same number of fleas in your clothing as I have of goats; chan fhaigheadh tu fois sam bith a-nochd: you wouldn’t get any rest tonight; measail air fighe le biorain: keen on knitting with knitting needles [fighe can also mean ‘weaving’]; na mìltean de phaidhrichean stocainnean: thousands of pairs of stockings; ri fighe fhad ’s a bha e a’ cumail sùil air na gobhair aige: knitting while he was keeping an eye on his goats; a thachair ris aig na fèilltean-sprèidh: who met him at livestock sales; cha robh aige ach a bhachall a thogail agus am beathach a chomharrachadh leis: he only had to lift his shepherd’s crook and to point to the animal with it.

Puing-chànain na Litreach

Puing-chànain na Litreach: Ràinig an t-sitheann an taigh aige gun an còrr dàlach: the venison reached his house without further delay. An còrr means ‘the remainder, excess’ and dàlach is the genitive form of the feminine noun dàil ‘delay’.

Gnàthas-cainnt na Litreach

Gnàthas-cainnt na Litreach: rinn iad greallachadh air: they gralloched it (cleared out the internal organs).

Broadcast

  • Sun 15 Feb 202613:55

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast