Main content
Sorry, this episode is not currently available

An Ros Mhuileach

Prògram a tasglann Fàilte air a' Bhaile. Thadhail Cathy NicDhòmhnaill air An Ros Mhuileach ann an 1987. Fàilte air a' Bhaile in The Ross of Mull in 1987, from the BBC archive.

Tha BBC Radio nan Gàidheal a' comharrachadh 40 bliadhna de chraoladh, agus tha sinn a dol air ais gu na tràth laithean sin son an t-sreath Fàilte air a' Bhaile. Sa phrògram seo, thadhail Cathy NicDhòmhnaill air An Ros Mhuileach ann an 1987.

Bha Cathy a' còmhradh ri Attie MacEachairne mun chreag san sgìre is e ag aithris mar a chaidh a chleachdadh ann an drochaid Greyfriars ann an Lunnain. Chaidh a’ chlach gu New York agus Liverpool airson cidheachan a thogail an sin agus 's e th’ ann an cuid de thoglaichean Ghlaschu agus ann an cuid de thaighean-solais air feadh na dùthcha. Fhuair sinn òran bho Attie anns a’ phrògram; Togaidh mi'd a Bhratach, a chaidh a sgrìobhadh le bàrd ionadail, Eòghann MacLaomain.

Anns a' phrògram bha i cuideachd a' còmhradh ri Iain MacCalluim agus ri Calum Peutan is i a' faighneachd dhaibh dè thug orra tilleadh dhan sgìre.

Bha Calum Caimbeul a' còmhradh ri Cathy mu àiteachas san sgìre is mun là obrach aige agus chualar cuideachd bho Dot Mhoireasdan a bha ag obair ann an Oifis a' Phuist.

30 minutes

Last on

Sun 22 Feb 202615:30

Broadcasts

  • Mon 16 Feb 202615:30
  • Wed 18 Feb 202620:00
  • Sun 22 Feb 202615:30