Main content

Litir do Luchd-ionnsachaidh 1388

Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir àireamh 1388. Roddy Maclean reads this week's letter for Gàidhlig learners.

1 day left to listen

5 minutes

Last on

Sun 22 Feb 202613:55

Litir 1388: Leabhar Cheannanais agus Port mo Cholmaig (1)

O chionn bhliadhnaichean, chunnaic mi an leabhar as brèagha san t-saoghal, ann am beachd gu leòr. No co-dhiù an seann làmh-sgrìobhainn as brèagha anns an Roinn Eòrpa. Bha mi ann am prìomh bhaile na h-Èireann, Baile Atha Cliath, aig Colaiste na Trianaid. Agus ’s e an leabhar air a bheil mi a-mach – Leabhar Cheannanais, The Book of Kells.

’S e fìor sheann leabhar a th’ ann anns a bheil ceithir soisgeulan an Tiomnaidh Nuaidh – Mata, Marcus, Lucas agus Eòin. Tha an teacsa ann an Laidinn. Ach ’s e an rud a tha iongantach mu dheidhinn cho brèagha ’s a tha an làmh-sgrìobhainn, anns a bheil snas-sgrìobhadh agus soilleireachadh gun choimeas.

Ged a tha an leabhar suidhichte an-diugh ann an Èirinn, tha dùil gu bheil e ceangailte gu mòr ri Alba. Anns an Litir seo, tha mi a’ dol a thoirt sùil air far an deach a sgrìobhadh. Gu h-àraidh, tha mi airson sùil a thoirt air a’ bheachd gun deach a dhèanamh air taobh an ear na Gàidhealtachd.

Thuige seo, anns an fharsaingeachd, tha na sgoilearan air trì smuaintean a chur air adhart mu thùs an leabhair. Anns a’ chiad dol a-mach gun robh e, no co-dhiù an teacsa a tha a’ nochdadh ann, air a thòiseachadh ann an Eilean Ì ann an Alba. Bha e air a thoirt do Cheannanas, no Kells, ann an Èirinn airson crìoch a chur air. Thathar a’ smaoineachadh gun deach an leabhar a chruthachadh timcheall na bliadhna ochd ceud (800). Mu dhà cheud bliadhna an dèidh sin, bha e ann an Ceannanas.

’S e an dàrna smuain mu thùs an leabhair gun robh e air a dhèanamh gu lèir ann an Eilean Ì. Tha fios againn gun robh manaich ann an Ì ri linn Chaluim Chille, agus às a dhèidh, a bh’ air a bhith comasach leabhar mar sin a chur ri chèile.

’S e an treas smuain aig na sgoilearan gun robh Leabhar Cheannanais air a dhèanamh ann an Lindisfarne, eilean beag far costa Northumbria ann an Sasainn. Bha ceanglaichean creideimh eadar Lindisfarne agus Eilean Ì, agus tha dùil gun robh an seann leabhar ris an canar Soisgeulan Lindisfarne air a dhèanamh anns an eilean sin. Chaidh an leabhar sin, a tha rudeigin coltach ri Leabhar Cheannanais, agus gu math brèagha is luachmhor, a dhèanamh tràth anns an ochdamh linn. Tha e a-nise ann an Leabharlann Bhreatainn ann an Lunnainn.

Anns na beagan bhliadhnaichean a dh’fhalbh, ge-tà, tha smuain eile air tighinn am bàrr. Tha e gu math inntinneach, gu sònraichte dhuinne a tha a’ fuireach ann an Alba. Nochd an smuain sin ann an clò ann an leabhar a chaidh fhoillseachadh an-uiridh – The Book of Kells: Unlocking the Enigma leis an sgoilear agus sgrìobhadair, Victoria Whitworth, a tha stèidhichte ann an Dùn Èideann.

Tha Whitworth dhen bheachd gu bheil an fhianais ag innse dhuinn gu bheil deagh theans ann gun deach Leabhar Cheannanais a sgrìobhadh, chan ann ann an Eilean Ì no Lindisfarne, ach ann am Port mo Cholmaig, ann am Machair Rois air taobh an ear na Gàidhealtachd. Agus gur e Cruithnich, no luchd-ealain a bha ag obair ann an nòs nan Cruithneach, a sgrìobh e.

Tuigidh sibh nach eil a h-uile duine a’ gabhail ri a beachdan. Anns an ath Litir, bheir sinn sùil air a’ ghnothach.

Faclan na Litreach

Faclan na Litreach: Baile Atha Cliath: Dublin; Colaiste na Trianaid: Trinity College; Leabhar Cheannanais: The Book of Kells; soisgeulan: gospels; An Tiomnadh Nuadh: The New Testament; suidhichte: situated; Eilean Ì: Iona; manaich: monks; luachmhor: valuable; Leabharlann Bhreatainn: The British Library.

Abairtean na Litreach

Abairtean na Litreach: an leabhar as brèagha san t-saoghal, ann am beachd gu leòr: the most beautiful book in the world, in the opinion of many; an seann làmh-sgrìobhainn as brèagha anns an Roinn Eòrpa: the most beautiful old manuscript in Europe; gu h-àraidh, tha mi airson sùil a thoirt air a’ bheachd gun deach a dhèanamh air taobh an ear na Gàidhealtachd: in particular, I want to look at the opinion that it was made in the Eastern Highlands; thuige seo, anns an fharsaingeachd: up to now, in general; airson crìoch a chur air: to finish it; an dàrna smuain mu thùs an leabhair: the second idea about the book’s origins; ceanglaichean creideimh: religious links; gu math inntinneach, gu sònraichte dhuinne a tha a’ fuireach ann an Alba: very interesting, particularly for those of us who live in Scotland; nochd an smuain sin ann an clò: that thought appeared in print; gu bheil an fhianais ag innse dhuinn gu bheil deagh theans ann gun deach Leabhar Cheannanais a sgrìobhadh ann am Port mo Cholmaig: that the evidence tells us that there is a good chance that the Book of Kells was written in Portmahomack; ann am Machair Rois air taobh an ear na Gàidhealtachd: in the eastern coastlands of Ross in the Eastern Highlands; gur e Cruithnich, no luchd-ealain a bha ag obair ann an nòs nan Cruithneach, a sgrìobh e: that it was Picts, or artists who were working in the Pictish style, that wrote it.

Puing-chànain na Litreach

Puing-chànain na Litreach: anns a bheil snas-sgrìobhadh agus soilleireachadh gun choimeas: in which there is calligraphy and illumination without compare (i.e. of the highest order). You will find various Gaelic terms for calligraphy of the type that appeared in early medieval manuscripts, all based around ‘sgrìobhadh’ i.e. grinn-sgrìobhadh, snas-sgrìobhadh and ealain-sgrìobhaidh. It would be interesting to know what medieval Gaels called it!

Gnàthas-cainnt na Litreach

Gnàthas-cainnt na Litreach: ri linn Chaluim Chille: in the lifetime of St Columba.

Broadcast

  • Sun 22 Feb 202613:55

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast