Main content

Litir do Luchd-ionnsachaidh 1390

Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir àireamh 1390. Roddy Maclean reads this week's letter for Gàidhlig learners.

25 days left to listen

5 minutes

Litir 1390: Leabhar Cheannanais agus Port mo Cholmaig (3)

Tha Tòmas Keyes na neach-ealain stèidhichte anns an Eilean Dubh tuath air Inbhir Nis. Buinidh e o thùs do Bheal Feirste far an do dh’ionnsaich e sgilean sgrìobhaidh graffiti. An uair sin ‘lorg’ e na seann làmh-sgrìobhainnean Ceilteach a bh’ air an dèanamh ann am manachainnean ann an Alba, Èirinn agus Sasainn o chionn còrr is mìle bliadhna.

Tha Tòmas ainmeil airson a bhith a’ cruthachadh làmh-sgrìobhainnean ann an stoidhle Leabhar Cheannanais. Tha an snas-sgrìobhadh aige, agus an ealain aige, àlainn.

Tha mi airson innse dhuibh gu sònraichte mun teicneòlas aige. Tha e air a dhol air ais don teicneòlas a bh’ aca anns an ochdamh linn nuair a bha manachainn ann am Port mo Cholmaig ann am Machair Rois.

Thug Tòmas sùil air an fhianais a lorg àrc-eòlaichean ann an cladhach ann am Port mo Cholmaig. Bha scriptorium – ionad-sgrìobhaidh – anns a’ mhanachainn. Agus bha iad ag ullachadh a’ chraicinn-sgrìobhaidh air an làraich.

Bidh Tòmas a’ faighinn seicheannan-laoigh agus seicheannan-earba. Tha na laoigh air am breith marbh. Tha na h-earbaichean air am marbhadh le carbadan air an rathad. Tha Tòmas eòlach air na lùban rathaid as cunnartaiche a th’ ann do dh’earbaichean.

Bidh aige ri craiceann-sgrìobhaidh a dhèanamh à seiche. Airson sin, feumaidh e an t-seiche a chur ann an leann alcaileach. ’S e an dòigh as fhasa sin a dhèanamh a bhith a’ cleachdadh clach-aoil. Nise, ann an Lindisfarne, far an deach Soisgeulan Lindisfarne a dhèanamh, tha clach-aoil pailt gu leòr. Ann an Eilean Ì, far a bheil cuid a’ cumail a-mach a chaidh Leabhar Cheannanais a dhèanamh, bhathar a’ faighinn clach-aoil à Innis Choinnich, beagan mhìltean air falbh.

Ach, ann am Port mo Cholmaig, chan eil clach-aoil ri fhaighinn faisg air làimh. Bha aig na manaich an sin ri leann alcaileach a dhèanamh le feamainn. Bha iad a’ losgadh na feamainn – gu sònraichte seòrsa ris an canar ‘slaodach’ no serrated wrack – agus a’ dèanamh an leanna leis an luaithre aice. Chaidh fianais airson sin a lorg leis na h-àrc-eòlaichean.

Chan eil an leann sin cho math ris an stuth a th’ air a dhèanamh le clach-aoil. Nuair a bha Tòmas a’ dèanamh craiceann-sgrìobhaidh le bhith a’ cleachdadh feamainn, cha robh e bàn agus glan mar a tha mòran de na làmh-sgrìobhainnean bho na meadhan-aoisean, leithid Soisgeulan Lindisfarne.

Mhothaich Tòmas – nuair a dh’fhàg e craiceann air frèam airson a shìneadh – gun robh bacteria a’ fàs air, a’ dèanamh cron air a’ chraiceann. Bha tuill bheaga ann agus smail ruadha. Cha robh sin idir coltach ris na craicnean a bh’ air an dèanamh ann an Lindisfarne.

Ge-tà, tha Tòmas ag innse dhuinn gum faicear a leithid air a’ chraiceann-sgrìobhaidh ann an Leabhar Cheannanais. ’S e an co-dhùnadh aigesan gu bheil e gu math coltach gun robh Leabhar Cheannanais air a dhèanamh ann am Port mo Cholmaig.

A bheil dòigh ann a’ chùis a dhearbhadh? Tha Tòmas ag ràdh, nam biodh cead ann deuchainn DNA a dhèanamh air a’ chraiceann-sgrìobhaidh, gum biodh iad comasach air coimeas a dhèanamh le cnàmhan-cruidh on ochdamh linn a chaidh a lorg ann am Port mo Cholmaig. Cha d’ fhuair duine cead airson a leithid de dheuchainn a dhèanamh. Ach ma thig cead uaireigin, bidh cothrom ann, math dh’fhaodte, dearbhadh gum buineadh Leabhar Cheannanais bho thùs do Mhachair Rois.

Faclan na Litreach

Faclan na Litreach: làmh-sgrìobhainnean Ceilteach: Celtic manuscripts; manachainnean: monasteries; Leabhar Cheannanais: The Book of Kells; snas-sgrìobhadh: calligraphy; seicheannan-laoigh: calf hides; seicheannan-earba: roe deer hides; leann alcaileach: alkaline solution; clach-aoil: limestone; Innis Choinnich: Inchkenneth; luaithre: ash; àrc-eòlaichean: archaeologists; craicnean: skins; deuchainn: test.

Abairtean na Litreach

Abairtean na Litreach: Tha Tòmas Keyes na neach-ealain stèidhichte anns an Eilean Dubh: Thomas Keyes is an artist based on the Black Isle; buinidh e o thùs do Bheal Feirste: he belongs originally to Belfast; far an do dh’ionnsaich e sgilean sgrìobhaidh graffiti: where he learned graffiti writing skills; tha e air a dhol air ais don teicneòlas a bh’ aca anns an ochdamh linn: he has gone back to the technology they had in the eighth century; Port mo Cholmaig ann am Machair Rois: Portmahomack in the coastal lands of Easter Ross; thug Tòmas sùil air an fhianais a lorg àrc-eòlaichean ann an cladhach: Thomas looked at the evidence that archaeologists found in a dig; ag ullachadh a’ chraicinn-sgrìobhaidh air an làraich: preparing the vellum on site; tha na laoigh air am breith marbh: the calves are stillborn; far an deach Soisgeulan Lindisfarne a dhèanamh: where the Lindisfarne Gospels were made; a’ losgadh na feamainn: burning the seaweed; cha robh e bàn agus glan mar a tha mòran de na làmh-sgrìobhainnean bho na meadhan-aoisean: it wasn’t white and clean as are many of the manuscripts from medieval times; nuair a dh’fhàg e craiceann air frèam airson a shìneadh: when he left a skin on a frame to stretch it; bha tuill bheaga ann agus smail ruadha: there were small holes in it and orange stains; gum faicear a leithid air a’ chraiceann-sgrìobhaidh ann an Leabhar Cheannanais: that such things are seen on the vellum in the Book of Kells; cnàmhan-cruidh on ochdamh linn: cattle bones from the 8th century.

Puing-chànain na Litreach

Puing-chànain na Litreach: chan eil clach-aoil ri fhaighinn faisg air làimh: limestone is not available nearby. Ri fhaighinn really means ‘to be obtained’ but can commonly be translated as ‘available’. An alternative, meaning the same, is ri fhaotainn.

Gnàthas-cainnt na Litreach

Gnàthas-cainnt na Litreach: na lùban rathaid as cunnartaiche a th’ ann: the most dangerous road bends [that are there].

Broadcast

  • Sunday13:55

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast