le Coinneach Mac a' Ghobhainn
Dè cho cunnartach is a tha fiabhras-eanchainn, neo meningitis? Just how dangerous is meningitis?
Tha sgoiltean is oilthighean ann an ceann a' deas Shasainn a' fulang le mar a tha fiabhras-eanchainn, neo meningitis, air a dhol ma sgaoil. Ach dè th' ann agus carson a tha e cho cunnartach?
Air Latha Naoimh Phà draig, tha am fear-naidheachd Ruairidh Alasdair MacIlleFhinnein air a bhith a' rannsachadh cuid de na seanchasan a tha - agus nach eil - fìor mu naomh nà iseanta na h-Èireann.
Cluinnidh sinn cuideachd bhon t-eòlaiche saidheans Iain MacAonghais mu mar a tha cnoc-deighe a bha aig aon à m cho mòr ri fear sam bith eile, air leaghadh is air aiteamh gu bhith gu math nas lugha sa latha an-diugh.
Agus tha Aonghas MacAoidh air a bhith a' cur an eathar a-mach airson samhradh ag iasgach far chosta an ear Leòdhais - le prògram ùr, Samhradh air Sà l, ri fhaotainn air Iplayer a' BhBC. Tha Aonghas sa stiùidio còmhla ri Coinneach son beagan innse dhuinn mu dheidhinn.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Tue 17 Mar 202609:00BBC Radio nan GÃ idheal
- Tue 17 Mar 202622:25BBC Radio nan GÃ idheal
