le Coinneach Mac a' Ghobhainn
'S e Seonaidh Bochanan, à Bhaltos ann an Ùig Leòdhais, cèiliche na seachdain. Seonaidh Buchanan from Valtos in Uig, Lewis is Coinneach's guest on Naoi gu Deich.
'S iomadh òran a bhios air a' ghabhail aig fèisean ciùil air feadh na dùthcha am-bliadhna. Ach nam measg, aig fèis Under Canvas, bidh òran ùr air a stèidheachadh air rannsachadh a tha daoine a' dèanamh le Tobar an Dualchais ann an Gà idhlig is a' Bheurla Ghallda. Tha Flòraidh Forrest bho Thobar an Dualchais a' bruidhinn ri Coinneach mun fharpais Sgrìobh/Scrieve.
Cluinnidh sinn mu fhèin-eachdraidh Sajid Javid, a bha roimhe na sheansailear, is Anna NicLeòid air a bhith ga leughadh.
Agus tha Coinneach cuideachd a' cèilidh air Seonaidh Bochanan - Seonaidh Sham - na dhachaigh ann am Bhaltos Ùig, an Leòdhas. Eadar bliadhnaichean an t-seòlaidh agus an iomadh bliadhna aige ag obair le caoraich eadar Ùig is Pabaigh Mhòr, 's math as fhiach èisteachd ri sheanchas.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Wed 18 Mar 202609:00BBC Radio nan GÃ idheal
- Wed 18 Mar 202622:20BBC Radio nan GÃ idheal
