Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1393
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1393. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sun 29 Mar 202613:55
BBC Radio nan GÃ idheal
![]()
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 1089
Clip
![]()
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1393
Duration: 05:08
Litir 1393: MÃ iri NicEalair (1)
Bha mi a’ coimhead, an latha eile, air na sgeilpichean agam, airson bà rdachd na bana-bhà rd, Mà iri NicEalair, à Loch Abar. Chaidh mi gu cruinneachadh de bhà rdachd Ghà idhlig on naoidheamh linn deug. Cha robh sgeul air Mà iri ann. Bha i na bà rd aig Comunn Gà idhlig Inbhir Nis airson ceithir bliadhna fichead agus chuir sin iongnadh orm.
Chaidh mi gu leabhar eile, anns an robh cruinneachadh de litreachas Gà idhlig thairis air na ceudan. Fhuair mi lorg air dà n aig Mà iri anns an leabhar sin – dà n air an robh ‘An Iarraidh Dhìomhain’ no, ann am Beurla, ‘The Vain Search’. Seo a’ chiad rann dheth:
Cà it a bheil fois, agus cà it a bheil tà mh,

Cà it a bheil ìocshlaint do chridhe fo phrà mh
No cà it a bheil suaimhneas o uamhann ’s o chrà dh?
Anns an dà n seo, saoilidh mi gu bheil Mà iri a’ dèanamh nà dar de dh’iomradh air a beatha fhèin, beatha a bha rudeigin dùbhlanach aig amannan. Seo an seachdamh rann dheth:
Dh’iarr mi gu fois, is gun fhois air an t-saoghal,
Is leig mi mo cheann air geal-bhroilleach mo ghaoil,
’S bha ’chluasag ud là n de chaoin-dhuilleach nan ròs
Ach, ochan, nam measg gun robh dris mar bu nòs.
Anns an Litir seo, tha mi airson innse dhuibh mu Mhà iri NicEalair, a cuid sgrìobhaidh agus a beatha. Rugadh Mà iri Chamshron – oir ’s e Camshronach a bh’ innte – anns a’ Ghearasdan ann an ochd ceud deug, trithead ’s a ceithir (1834). Bha a h-athair na fhuineadair anns a’ bhaile sin. Nuair a bha i òg, bha Mà iri a’ fuireach còmhla ri a seana-phà rantan air taobh a mà thar. Bha sin anns a’ Choire Bheag, baile beag air cladach a tuath Loch Iall.
Anns an dachaigh agus sa bhaile sin, bha Mà iri air a bogadh ann an beul-aithris agus cà nan nan Gà idheal. Fhuair i tòrr Gà idhlig san sgoil cuideachd. Cha robh an suidheachadh air a bhith cho fà bharach dhi, a thaobh cà nan is cultar, anns a’ Ghearasdan.
Chaochail a h-athair nuair a bha Mà iri dìreach trì bliadhn’ deug a dh’aois. Bha aig Mà iri ri gluasad air ais don Ghearasdan airson taic a thoirt do a mà thair. Ach bha a’ Ghà idhlig air a bonntachadh na claigeann agus cha chailleadh i i. Fad a beatha bha i aithnichte am measg nan Gà idheal airson cho glan ’s a bha a’ Ghà idhlig aice.
Ge-tà , an dèidh bàs a h-athar, cha robh cothroman matha aice a thaobh foghlam no obair. Bha i ri muinntireas greis. An uair sin, aig aois fichead bliadhna, phòs i maraiche à Earra-Ghà idheal, Iain MacEalair. Ghabh Mà iri ainm-cinnidh an duine aice agus ’s ann fon ainm ‘Mà iri NicEalair’ a choisinneadh i cliù mar sgrìobhadair is bà rd.
Goirid an dèidh a’ phòsaidh, cheannaich Iain bà ta-carago. Bha airgead teann, agus bha Iain air falbh aig muir airson ùine mhòr. Airson bhliadhnaichean, bha Mà iri a’ fuireach ann an Glaschu no anns a’ Ghearasdan fhad ’s a bha an duine aice aig muir. Dh’fhàs i searbh dhen t-suidheachadh agus rinn i an co-dhùnadh a dhol a dh’fhuireach air bòrd an t-soithich. Sheòl i gu iomadh port-mara air feadh na Roinn Eòrpa. Agus thòisich i air dreuchd mar sgrìobhadair nuair a bha i air bòrd, mar a chì sinn san ath Litir.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: sgeilpichean: shelves; MÃ iri NicEalair: Mary MacKellar; fuineadair: baker; muinntireas: domestic service.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: cha robh sgeul air Mà iri ann: Mary did not appear in it; chuir sin iongnadh orm: that surprised me; cruinneachadh de litreachas Gà idhlig thairis air na ceudan: a collection of Gaelic literature over the centuries; cà it a bheil fois, agus cà it a bheil tà mh?: where is there peace and where is there quiet?; cà it a bheil ìocshlaint do chridhe fo phrà mh?: where is a cure for a melancholic heart?; cà it a bheil suaimhneas o uamhann ’s o chrà dh?: where is there rest from horror and torment?; saoilidh mi gu bheil Mà iri a’ dèanamh nà dar de dh’iomradh air a beatha fhèin: I reckon that Mary is making a sort of commentary on her own life; rudeigin dùbhlanach aig amannan: somewhat challenging at times; leig mi mo cheann air geal-bhroilleach mo ghaoil: I laid my head on the fair breast of my beloved; bha ’chluasag ud là n de chaoin-dhuilleach nan ròs: that pillow was full of rose petals; ach, ochan, nam measg gun robh dris mar bu nòs: but, alas, among them was the customary thorn; a’ fuireach còmhla ri a seana-phà rantan air taobh a mà thar: living with her maternal grandparents; anns a’ Choire Bheag, baile beag air cladach a tuath Loch Iall: in Corriebeg, a village on the north shore of Loch Eil; air a bogadh ann an beul-aithris agus cà nan nan Gà idheal: immersed in the oral tradition and language of the Gaels; cha robh an suidheachadh air a bhith cho fà bharach dhi anns a’ Ghearasdan: the situation would not have been so favourable to her in Fort William; bha a’ Ghà idhlig air a bonntachadh na claigeann agus cha chailleadh i i: Gaelic was firmly rooted in her brain (‘skull’) and she would not lose it; phòs i maraiche à Earra-Ghà idheal, Iain MacEalair: she married a mariner from Argyll, John MacKellar; a choisinneadh i cliù: that she would build a reputation; bha airgead teann: money was tight; dh’fhàs i searbh dhen t-suidheachadh: she grew fed up of the situation; iomadh port-mara air feadh na Roinn Eòrpa: many seaports throughout Europe.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: bha i aithnichte am measg nan Gà idheal airson cho glan ’s a bha a’ Ghà idhlig aice: she was recognised among the Gaels for the purity of her Gaelic. In relation to language, the adjective glan can mean ‘pure’ or ‘uncorrupted’ but also has the sense of being accurate and authoritative.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: gun fhois air an t-saoghal: without the world experiencing rest/peace.
Broadcast
- Sun 29 Mar 202613:55BBC Radio nan GÃ idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
![]()
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.