Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1394
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1394. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Last Sunday13:55
BBC Radio nan GÃ idheal
![]()
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 1090
Clip
![]()
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1394
Duration: 05:03
Litir 1394: MÃ iri NicEalair (2)
Bha mi ag innse dhuibh mu Mhà iri NicEalair, a bhana-bhà rd Abrach. Ann an ochd ceud deug, seasgad ’s a sia (1866), roghnaich i a dhol a dh’fhuireach air bòrd soitheach an duine aice – an Glencoe. ’S e soitheach beag a bh’ innte, le sgioba de chòignear.
Bha i a’ fuireach air bòrd airson deich bliadhna, a’ seòladh fad is farsaing. Chuir i seachad dà bhliadhna, gun aon oidhche air tìr. Feumaidh nach robh e furasta aig amannan, ach ghabh Mà iri an cothrom a bhith ri sgrìobhadh, an dà chuid ann an Gà idhlig agus Beurla. Bha i fìor chomasach mar sgrìobhadair de rosg agus bà rdachd anns an dà chà nan.
Tha a bà rdachd ag innse dhuinn gun do chòrd e rithe an soitheach a bhith fo shiùil anns a’ chuan far nach fhaiceadh i tìr. Ach aig amannan bhiodh i ag ionndrainn dùthaich a h-à raich ann an Loch Abar. Ann an aon dà n rinn i coimeas eadar Loch Abar agus na dùthchannan a chunnaic i anns an Roinn Eòrpa:
’S bhon a dh’fhà g mi tìr mo ghaoil,
Gur h-ioma taobh ’bha m’ fhalbhan,
Bhon t-Suain, ’s Lochlann, ’s an Òlaind,
An Fhraing mhòr ’s a’ Ghearmailt,
Cha shà saich am brèaghad mo shùil,
Ged ’s plùranach no garbh iad,
’S mi ’cuimhneachadh d’ fhallain sa Chèitean
Le ’seudan a’ deà lradh.
Mus do cho-dhùin i dhol a dh’fhuireach air bòrd, bha Mà iri stèidhichte air tìr-mòr fhad ’s a bha an duine aice aig muir. Math dh’fhaodte gur e sin a ghluais i gu dà n ainmeil a sgrìobhadh – Am Maraiche ’s a Leannan. Anns a’ chiad rann, ’s e an seòladair a tha a’ bruidhinn. Tha e a’ gabhail fòrladh air tìr, ach tha an cuan ga tharraing air ais:
O ’s mairg tha ’n-diugh feadh garbhlaich
’S ri falbhan am measg fraoich,
Is gathan grèin gu h-òr-bhuidh
A’ dòrtadh air gach taobh;
Gum b’ fheà rr a bhith air bà rr nan tonn
Air long nan cranna caol,
’S a’ faicinn nan seòl ùra
Ri sùgradh anns a’ ghaoith.
Anns an dà rna rann, tha a leannan ga fhreagairt. Chan eil i fhèin toilichte gum bi esan air falbh am measg nan stuagh:
O, fhleasgaich òig, gur gòrach leam
Do chòmhradh anns an uair,
An fhraoch-bheinn ghorm ga samhlachadh
Ri gleanntan glas a’ chuain;
’S gur tric is adhbhar caoinidh leam
A h-aon dhan tug mi luaidh,
Bhith às mo shealladh fad air falbh
Air bhà rraibh garbh nan stuagh
Ged a bha grà dh aig Mà iri air a’ Ghà idhealtachd, bha i cuideachd measail air Dùn Èideann. Sin far an do phòs i – anns an Eaglais Shaoir ann an ochd ceud deug, caogad ’s a còig (1855). Bha a mà thair-chèile a’ ruith taigh-aoigheachd anns a bhaile. Agus nuair a bha i air fòrladh air tìr, bhiodh Mà iri a’ dol a Dhùn Èideann far an d’ fhuair i eòlas air luchd-labhairt agus luchd-taice na Gà idhlig. Fhuair i eòlas gu sònraichte air a’ Phroifeasair Iain Stiùbhart Blackie a’ bha a’ coiteachadh airson Cathair Cheiltis ann an Oilthigh Dhùn Èideann.
Nuair a chaochail a mà thair-chèile, ghabh Mà iri thairis an taigh-aoigheachd. Dh’fhà g i beatha a’ mharaiche air a cùlaibh. Agus dh’fhà g i a beatha mar bhean do dh’Iain air a cùlaibh cuideachd. Cha robh a pòsadh ga toileachadh agus chuir i roimhe fuireach ann an Dùn Èideann agus bith-beò a dhèanamh le a cuid sgrìobhaidh.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Mà iri NicEalair: Mary MacKellar; bana-bhà rd Abrach: Lochaber poetess; maraiche: mariner; leannan: sweetheart; taigh-aoigheachd: guest house; a mà thair-chèile: her mother-in-law; Cathair Cheiltis: Chair of Celtic.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: chuir i seachad dà bhliadhna, gun aon oidhche air tìr: she spent two years without a single night on land; fìor chomasach mar sgrìobhadair de rosg agus bà rdachd: extremely competent as a writer of prose and poetry; gun do chòrd e rithe an soitheach a bhith fo shiùil: that she enjoyed the vessel being under sail; anns a’ chuan far nach fhaiceadh i tìr: in the ocean where she couldn’t [wouldn’t] see land; gur h-ioma taobh ’bha m’ fhalbhan: my travels have been in many places; cha shà saich am brèaghad mo shùil: their beauty does not satisfy my eye; ged ’s plùranach no garbh iad: though they be flowery [i.e. gentle] or rough; ’s mi ’cuimhneachadh d’ fhallain sa Chèitean: and I remember your mantle in May; le ’seudan a’ deà lradh: with its jewels sparkling; a’ gabhail fòrladh air tìr: taking leave on land; ’s mairg tha ’n-diugh feadh garbhlaich: it’s dismal today to be in rough terrain; ri falbhan am measg fraoich: wandering among heather; air long nan cranna caol: on a slim-masted ship; a’ faicinn nan seòl ùra ri sùgradh anns a’ ghaoith: seeing the new sails making merry in the wind; fhleasgaich òig, gur gòrach leam do chòmhradh anns an uair: young man, your talk at this time is foolish to me; an fhraoch-bheinn ghorm ga samhlachadh ri gleanntan glas a’ chuain: comparing the green heathery mountain to the grey troughs of the ocean; gur tric is adhbhar caoinidh leam: it is often a reason for me to weep; air bhà rraibh garbh nan stuagh: on the rough crests of the waves.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: ’S e soitheach beag a bh’ innte: she was a small vessel. You might have picked up here on what appears to be a disagreement of gender. Soitheach is a masculine noun so one might expect ‘ʼs e soitheach beag a bh’ ann’, using the third person masculine singular prepositional pronoun ann ‘in him’ rather than the feminine form innte ‘in her’. However, boats are generally treated as conceptually feminine so it is more natural to say ‘innte’ here.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: Gum b’ fheà rr a bhith air bà rr nan tonn: better to be on the crest of the waves.
Broadcast
- Last Sunday13:55BBC Radio nan GÃ idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
![]()
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.