BBC Home
Explore the BBC
Tha na duilleagan seo a-nise air an tasgadh agus cha t\u00e8id an \u00f9rachadh tuilleadh. Leugh mu phoileasaidh tasglainn a\u2019 BhBC.

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
BBC Vocab
OFF / DHETH
»Turn ON
Cuir AIR
»What is VOCAB? Dè th'ann a VOCAB?
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
CĂ nain
Ùraichte air:
Post-d gu caraidDreach clò-bhualaidh
Trump: "Chan eil mi a' sireadh tuilleadh taic"
Dòmhnall Trump a' bruidhinn aig Ionad na Coille ann an Steòrnabhagh
Bhuinneadh màthair Mhgr Thrump do Leòdhas
Tha Dòmhnall Trump air a dhol as àicheadh gur ann gus tuilleadh taic a shireadh airson nam planaichean aige raon goilf a steidheachadh faisg air Obar Dheathain, a thadhal e air Leòdhas.

Thuirt e na bu tràithe gum biodh e air ùl a chuir ris an iomairt aige gus raon mòr goilf a stèidheachadh faisg air Obar Dheathain mura b' ann à Alba a bha a mhàthair, nach maireann.

Bhuinneadh a mhàthair, Màiri NicLeòid Thrump do dh'Àird Thong ann an Leòdhas, agus rinn i eilthireachd dha na Stàitean Aonaichte anns na 1930an.

Air dha tadhal air taigh a mhĂ thar, chaidh e a dh'Obar Dheathain gus bruidhinn ri rannsachadh poblach mu na planaichean aige son an raoin ghoilf, air Oighreachd Menie, a chosgadh ÂŁ1bn.

DiĂąltadh

A' bruidhinn ann an Steòrnabhagh, thuirt Mgr Trump: "Mur b'e gur ann à Alba a bha mo mhàthair, an robh mi air mo chùl a chur ris an làraich seo? Saoilidh mi gun robh.

"'S e as coireach gun deach mi an sĂ s ann, an fhaireachdainn a th' agam do dh'Alba.

"Mur b'e gur ann an Alba a rugadh mo mhàthair, cha robh mi air an gnothach a thòiseachadh," thuirt e.

Dhearbh e cuideachd gun robh e gu bhith a' bruidhinn ri Comhairle nan Eilean Siar mu dheidhinn a bhith a' dèanamh obair leasachaidh air Caisteal Leòdhais ann an Steòrnabhagh.

Mairidh an rannsachadh ann an Obar Dheathain, a dh' iarr ministearan Albannach, beagan mhìosan.

Ghairm Riaghaltas na h-Alba na planaichean a-steach an-uiridh as dèidh mar a chaidh an diùltadh le comataidh aig Comhairle Shiorrachd Obar Dheathain.

Tha buidhnean àrainneachail agus luchd-strì ionadail air an sgeama a chàineadh, fhad 's a tha ceannardan gnìomhachais air an taic a chur ris.

AN TUILLEADH
Post-d gu caraidDreach clò-bhualaidh

About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy
Trending Now