Episode details

Radio nan GĂ idheal,07 Jan 1996,30 mins
An t-Urr Niall Seathach, Eaglais Shaor Chalanais bho 1995 - 2/2
Dèanamaid AdhradhAvailable for 5 days
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas: Salm 91: 1-2 air fonn Kilmarnock agus ' s e Murchadh MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor a' Chnuic. Salm 130: 7-8 air fonn Walsall agus 's e Coinneach M MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Steòrnabhaigh. Leughadh: Isaiah 41: 1-29 Ceann-teagaisg: Isaiah 41:10 Rugadh an t-Urr Niall Seathach ann an 1936 ann an sgĂŹre Bhruaich Chluaidh ann an Glaschu. Is ann Ă Ille a bha athair agus Ă Tolastadh a' Chaolais ann an Leòdhas a bha a mhĂ thair. Dh'fhuiling an teaghlach aige aig Ă m an dĂ rna cogaidh nuair a chaill iad an dachaigh ann an spreadhadh. Ghluais iad a Leòdhas còmhla ri cĂ irdean a mhĂ thar agus bha iad a' fuireach ann an Tolastadh a' Chaolais gus an do cheannaich iad taigh anns an Rubha. Chaidh Niall Seathach tron fhoghlam ann an Sgoil a' Chnuic agus ann an Sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh. Dh'fhĂ g e an sgoil aig aois 15 agus chaidh e gu ruige Feachd an Adhair agus ceangailte ri sin, chuir e seachad Ăšine ann an Sasainn, Drochaid an Easbaig agus ann an Ăige, Eilean Leòdhais. Dh'fhĂ g e Feachd an Adhair nuair a bha e bliadhna thar fhichead agus chaidh e air adhart airson na ministrealachd, a' tilleadh gu foghlam ann an Oilthigh Obar Dheathain agus Ă s dèidh sin gu Colaiste na h-Eaglaise Saoire ann an DĂšn Ăideann. Chaidh a phòsadh ris a' chiad choitheanal ann an Eaglais Shaor Ulapul ann an 1968. Chaidh e Ă s an sin gu Eaglais Shaor Chille Mhaille, a dh'Inbhir Pheofharain agus mu dheireadh gu Eaglais Shaor Chalanais, an coitheanal mu dheireadh a bh' aige mus do leig e dheth a dhreuchd. Ged a dh'fhĂ g e an sgĂŹre, thug e ainm a' bhaile leis agus sin an t-ainm a th' air an taigh aige ann an Drochaid Sguideil. Tha Niall Seathach pòsta aig Dolina Ă Pabail agus tha dithis chloinne aca, SĂŹne agus Tormod. Nuair a gheibh e mionaid dha fhèin tha Mgr Seathach toilichte Ăšine a chur seachad anns a' ghĂ rradh, a' cur a h-uile seòrsa lus agus a' feuchainn ri beagan fois is sĂ mhchair fhaighinn. Bidh e cuideachd ag èisteachd ri ceòl clasaigeach.
Programme Website