Episode details

Radio nan GĂ idheal,25 Dec 2024,120 mins
Criosaidh @ 70
Available for 4 days
Rugadh Criosaidh Nic a' Phiocair (Chuimeanach) ann an Ceann TĂšlabhaig san Ăb ann an 1954. Chaidh i gu Bun-sgoil an Ăib agus an uair sin do Sgoil Sir E. Scott air an Tairbeart. Bha Criosaidh a' seinn bho bha i na nighinn bhig, aig na mòdan ionadail ann an Steòrnabhagh agus na consairtean ainmeil a bhiodh ann an Sgoil an Ăib aig Ă m na Nollaige. Fhuair i a guth seinn bho dĂ thaobh an teaghlaich, agus ged nach eil a' seinn air Ă rd-Ăšrlar ach i fhèin, tha guth math aig a piuthar Lisa âs tha a brĂ ithrean Coinneach agus Aonghas aithnichte airson a bhith aâ cur a-mach na loidhne, mar a bha an athair romhpa. Choisinn Criosaidh am Bonn Ăr airson seinn san t-Seann Nòs aig a' Mhòd NĂ iseanta anns an Ăban, ann an 1978. Bha i cuideachd na ball de Chòisir GhĂ idhlig Inbhir Nis airson fichead bliadhna agus bidh i fhathast a' seinn aig cèilidhean is cuirmean bho Ă m gu Ă m. Abair gun tĂ inig buidheann dhòigheil cruinn còmhla ri Criosaidh airson an ceann-bliadhna sònraichte seo a chomharrachadh aig Fèis BlĂ s na bliadhna seo - a nighean Jenna Chuimeanach agus an t-ogha aice Kirsty Bella, Iain âCostelloâ MacĂomhair, Amy NicAoidh, Darren MacIllEathain agus Graham MacIllInnein.
Programme Website