Use BBC.com or the new BBC App to listen to BBC podcasts, Radio 4 and the World Service outside the UK.

Find out how to listen to other BBC stations

Episode details

Radio nan Gàidheal,11 Jan 2026,30 mins

Còmhla ris an Urr Dòmhnall M MacAonghais

Dèanamaid Adhradh

Available for 6 days

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus na leughaidhean a leanas: Salm 51: 1-4 air fonn Martyrdom agus 's e Alasdair Mac a' Ghobhainn a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Partick Highland Salm 02: 7-8 air fonn Montrose agus 's e Eòin MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Phort Rìgh An dàra laoidh às a' Bhìoball: 3-5 air fonn Stornoway agus 's e Ruairidh Mac a' Ghobhainn le taic bho Choitheanal Eaglais Colaiste an Rìgh ann an Obar-dheathain a tha os cionn na seinn Leughaidhean: Gnìomhairean nan Abstol 10: 34- 43 & Isaiah 42: 1-9 Rugadh Dòmhnall Mìcheal ann am Baile Ghobhainn an Glaschu ach b' ann am baile Bhragair air taobh siar Leòdhais a thogadh e. Bha e ag obair ann an Roinn an Ionmhais aig Comhairle nan Eilean Siar airson 7 bliadhna agus às dèidh sin fhuair e obair a' teagasg ceòl ann an sgoiltean Leòdhais agus na Hearadh gus an deach e a-staigh airson na ministrealachd ann an 1995. Tha e na mhinistear air Eaglais Gairbraid ann an sgìre Maryhill an Glaschu. Bha e roimhe na bhall de Chomataidh Ciùil Eaglais na h-Alba agus cuideachd na rùnaire air Comataidh Ghàidhlig na h-Eaglaise. Tha dà bhalach aige, Joel agus Samuel, agus tha e fhèin agus iad fhèin a' leantainn Na Buddies, sgioba ball-coise St Mirren. Tha pìos talmhainn aige anns an ath bhaile far am bi e a' cur lusan - buntàta, càl agus currain - mar a thuirt e fhèin, dìreach mar Fiollagan! Tha taigh fhathast aig Dòmhnall Mìcheal ann an Steòrnabhagh agus 's caomh leis a bhith a' tilleadh ann airson saor-làithean. Nuair a bhios ùine aige dha fhèin, bidh e a' cluich a' phìob agus a' coimhead Laurel and Hardy.

Programme Website
More episodes
Trending Now