Episode details

Available for 11 days
Chan eil cĂ il nas fhèarr aig toiseach bliadhn' Ăšr, agus an aimsir cho fuar agus fliuch, na bhith a' toirt sĂšil air cĂ ite a dh'fhaodar turas a ghabhail nas fhaide air adhart sa bhliadha. Ach chan ann a-mhĂ in thall thairis, tha iomadach Ă ite agus turas a dh'fhaodar gabhail nas fhaisg air an dachaigh. Thathas air innse gu bheil deich tursan rèile Ăšr ann am Breatainn gu bhith a' nochdadh air a' bhliadhna a th'air thoiseach oirnn. Cò a b'fheĂ rr innse mun deidhinn ach Alasdair MacCallum a tha air leth dèidheil air a bhith a' siubhal thall 's a-bhos air trèine. Tha fiolm Ăšr, stèidhichte air an nobhail Wuthering Heights le Emily Bronte, gu bhith ri fhaicinn an ath mhĂŹos as na taighean-deilbh. Cha b'e seo a' chiad dreach Ăšr a chaidh a dhèanamh dhan leabhar, agus chan eil coltas ann gur e an fhear mu dheireadh. Carson a tha sinn air ar tarraing gu dreachan air nobhailean clasaigeach? Tha Patsi NicChoinnich ag innse do dh'Emma an tlachd a tha ise a' faighinn asta. Tha an lĂšth-chleasaiche Megan Keith air innse mar a dhâfheumadh i co-dhĂšnadh a dhèanamh gluasad bho ruith air aâ bhlĂ r a-muigh gu ruith air an traca, ri linns gur ann air an sin a tha fòcas sponsairean agus aâ bhuidheann Luth-chleasachd Bhreatainn. Chaidh farpaisean na cruinne san spòrs a chumail air an deireadh sheachdain a chaidh agus bha na h-aireamhan air lĂšghdachadh gu mòr. Carson is ann mar seo a tha cĂšisean dhan spòrs, agus dè an t-slighe air adhart? Tha Emma a' cluinntinn bho Sheumas Mac an t-Sagairt.
Programme WebsiteTracklist
- TrackArtist
- 1.Nobody To LoveNobody To LoveSigma
- 2.Love SomebodyLove SomebodyMorgan Wallen
- 3.Money For NothingMoney For NothingDire Straits