Use BBC.com or the new BBC App to listen to BBC podcasts, Radio 4 and the World Service outside the UK.

Find out how to listen to other BBC stations

Episode details

Radio nan GĂ idheal,27 Jan 2026,57 mins

le Cathy NicDhòmhnaill

Naoi gu Deich

Available for 26 days

Chunnaic mu 9 millean neach làrach eachdraidheil, Cnoc Fhaoighris air Ghàidhealtachd, anns an t-sreath telebhisein,The Traitors. Tha Cnoc Fhaoighris gu math aithnichte os cionn Baile Eòghainn air taobh sear Rois. Tha Pàdraig MacAmhlaigh a' toirt sÚil air eachdraidh Cnoc Fhaoighris, far a bheil carragh-chuimhne air an dà chuid, uachdarain na sgÏre agus air blàr a thachair anns na h-Innseachean. Tha film ainmeil a chaidh a dhèanamh mu blàr Chuil Iodair an dràsta ri fhaicinn air BBC 4. Chaidh Culloden a dhèanamh o chionn corr air trÏ fichead bliadhna, ann an 1964, ach tha e fhathast ga fhaicinn mar sàr eisimpleir de dhràma telebhisean agus a Ghàidhlig anns a film gu math soilleir, glan. Chaidh a sgrÏobhadh 's a stiÚireadh le Peter Watkins, a chaochail aig deireadh an Dàmhair sa chaidh aig aois 90. Tha'n sgrÏobhaiche 's an stiÚriche, Patsi NicChoinnich a' toirt sÚil as Úr air a film agus air beatha Peter Watkins. Tha connspaid air èirigh mu balla ann an Glaschu, air an tèid pÏos ealan a ' pheantadh. Carson? Tha an ealanaiche Iseabail Mhoireach a' toirt sÚil air a chÚis. Gheibh sinn beachd air a naidheachd gur e Nigella Lawson an treas britheamh boireann a bhios air The Great British Bake Off, bhon a thòisich am prògram ann an 2010. Dè dh' fhaodadh i toirt chun a phrògram agus dè cho cudtromach 's a tha breitheamh? Tha aoighean a' toirt beachd air a sin, air cò'n fheadhainn a b' fheàrr a chòrd riutha thuige seo, 's a bheil feum air Úrachadh a thoirt air a phrògram?

Programme Website
More episodes
Trending Now