Episode details

Available for 23 days
Bha là ann agus se dìreach iadsan a bha a’ feuchainn ri'm bodhaig a dhèanamh cho mòr sa b'urrainn dhaibh le bhith togail chuideaman, a bha dualtach a bhith a' moladh buannachdan chreatine. Ach an-diugh thathas ga fhaicinn mar cho-leasachadh bìdh, neo supplement, a nì feum ann an iomadach dòigh – bho neart, gu lùghdachadh chomharran a’ mhenopuase agus fiù a’ cur bacadh air crìonadh eanchainn. Tha Niall Iain a'cluinntinn bhon t-eòlaiche-bìdh Catriona NicIlleBhàin, agus bho Ailig John Moireasdan a thòisich a' gabhail Creatine bho chionn ceithir mìosan. Tha sreath ùr de thrì prògraman aithriseach mun chòmhlan Take That air nochdadh air Netflix, agus tha Lisa Reid air sùil a thoirt orra dhuinn. An dùil a bheil i air càil as ùr ionnsachadh mun chòmhlan, a bha nan rionnagan cho mòr bho chionn deich bliadhna fichead. Agus tha Shona Chaimbeul, a tha na h-oifigear leasachaidh aig CNAG, ag innse mun champa-geamhraidh a tha'd a' ruith ann am Bad a' Ghiuthais.
Programme WebsiteTracklist
- TrackArtist
- 1.Keep Your Head UpKeep Your Head UpBen Howard
- 2.Flowers In The WaterFlowers In The WaterThe Boxer Rebellion
- 3.StillStillMacy Gray