Use BBC.com or the new BBC App to listen to BBC podcasts, Radio 4 and the World Service outside the UK.

Find out how to listen to other BBC stations

Episode details

Radio nan Gàidheal,22 Jan 2012,30 mins

Còmhla ris an Oll Urr Ruairidh MacLeòid

Dèanamaid Adhradh

Available for 15 days

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas: Salm 104: 1-3 air fonn London New agus os cionn na seinn bha Iain Gillies Dòmhnallach le taic bho choitheanal Ard Eaglais Steòrnabhaigh Salm 89: 1-2 air fonn Torwood agus os cionn na seinn bha lain Aonghas Dòmhnallach le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart Salm 106: 4-5 air fonn Evan agus os cionn na seinn bha Dòmhnall Iain MacIllInnein le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann an Loch nam Madadh Leughadh: Eoin 15: 8-17 Ceann teagaisg: Eòin 15 Rugadh Ruairidh MacLeòid ann an Loch nam Madadh agus bha e na mhinistear ann an Cumlodain, Taobh Loch Fìn agus Loch Geàrr bho 1985 gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 2012. Airson iomadach bliadhna às dèidh sin bhiodh e a' cumail sheirbheisean Gàidhlig ann am Meadhan Earra-Ghàidheal agus anns an Òban a h-uile mìos. Bha e bliadhna thar fhichead mar mhinistear ann am Beàrnaraigh na Hearadh mus tàinig an cabhsair. Bha e cuideachd an sàs ann an grunn bhuidhnean Gàidhlig, leithid Urras MhicCaoig agus Comann Litreachas na h-Alba, a bharrachd air comataidhean Gàidhlig na h-eaglaise, agus bhiodh e cuideachd a' deasachadh nan Duilleagan Gàidhlig aig Eaglais na h-Alba.

Programme Website
More episodes
Trending Now