Episode details

Available for 12 days
“Cò leis thu?” Dè cho tric sa tha sinn ga chluinntinn a-measg dhaoine? Agus mar as trice thèid freagart le bhith ag innse cò iad am pàrantan, agus 's dòcha far-ainm an cuid-teaghlaich. Ach dhaibhsan aig a bheil ùidh ann an tuilleadh fhaighinn a-mach mun càirdean, cha robh e a-riamh cho furasta. Tha companaidhean a tha a’ reic deuchainnean DNA air àrdachadh mòr fhaicinn anns na tha ‘d a’ reic, agus daoine gan toirt seachad an-diugh do theaghlach neo caraidean mar thiodhlac. Tha dithis ag innse do Niall Iain mar a thàinig iad gu bhith a' dèanamh deuchainn DNA agus na dh'ionnsaich iad bhuapa. Tha an cunnart anns a bheil Alba bho theintean-fiadhaich air àrdachadh a-rèir rabhadh bho Riaghltas na h-Alba, agus iad air ro-innleachd ùr fhoillseachadh ga rèir. Tha sinn a' faighinn comhairle bho Alasdair MacGillEain, a tha ag obair le na seirbheisean smàlaidh as an Eilean Sgitheanach. Agus chaidh leabhar ùr de dh'abairtean Gàidhlig fhoillseachadh le Acair bho chionn ghoirid. Tha Lewis Laing bho Chomann na Gàidhlig ag innse an tuilleadh mu dheidhinn.
Programme WebsiteTracklist
- TrackArtist
- 1.When Am I Gonna Lose YouWhen Am I Gonna Lose YouLocal Natives
- 2.Heart of OakHeart of OakRichard Hawley
- 3.DriftwoodDriftwoodSeafret & James Morrison