Episode details

Available for 8 days
Tha deagh naidheachd air a thighinn à tèarmann-nàdair an RSPB ann an Obar Neithich mu aon de na h-eòin as motha a tha ann an cunnart ann am Breatainn. Tha fàs air a thighinn air aireamh nan capall-coille an dèidh obair mhòr le luchd-glèidhteachais ann an coilltean nan Gaidhealtachd. Tha Shona NicIllfhialain ag obair don RSPB agus tha i ag innse carson a thathas a' cur uidhear de dh'fhàilte air an naidheachd seo. Tha ùidh mhòr aig Alastair Condie anns an fharpais òrain Eurovision. Air an deireadh sheachain fhuair e cothrom a dhol gu Melfest ann an Stockholm, far am bithear a' taghadh cò iad a bhios a' riochdachadh na Suain anns an fharpais mhòr anns a' Chèitean. Tha Niall Iain a' cluinntinn mar a chòrd a' chùis ris. Agus 's e Coinneach Combe a tha a' taghadh na trì sgeulachdan a ghlac aire anns na beagan laithean a chaidh seachad.
Programme WebsiteTracklist
- TrackArtist
- 1.The Night (feat. Lucia & The Best Boys)The Night (feat. Lucia & The Best Boys)Valtos
- 2.American GirlsAmerican GirlsHarry Styles
- 3.SuburbsSuburbsGood Neighbours & Good Neighbours