Episode details

Available for 4 days
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas: Salm 36: 7-8 air fonn Kilmarnock agus 's e Dòmhnall MacLeòid a tha os cionn na seinn a chaidh a chlàradh ann an Ionad nan Seann Daoine ann an Leòdhas Salm 86: 15-16 air fonn Evan agus 's e an t-Urr Seumas Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanalan Eaglaisean Leòdhais agus na Hearadh ann an Eaglais Shaor a' Bhac Salm 130: 7-8 air fonn Kilmarnock agus 's e Alasdair MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Shnìosoirt san Eilean Sgitheanach. Leughadh: Salm 32 Ceann-teagaisg: Salm 32: 1 Leig an t-Urr Calum MacLeòid dheth a dhreuchd mar mhinistear air coitheanal Shiaboist aig deireadh 2023. B' e Moderàtair na h-Eaglaise Saoire aig an àrd-sheanadh an-ùiridh. 'S ann do bhaile Shuardail san Rubha a bhuineas an t-Urramach MacLeòid. Chaidh oideachadh ann am Bun-sgoil a' Chnuic agus ann an Àrd-sgoil MhicNeacail. Às dèidh dha an sgoil fhàgail ann an 1974, thòisich e ag obair cuide ri Post Office Telephones, mar a bh' air mus do dh'atharraich iad gu British Telecom agus gu BT mar a th' air an-diugh. Thàinig an t-Urramach MacLeòid gu bhith na bhall den Eaglais Shaor san Rubha aig deireadh na 70an. Bha e cuideachd a' teagaisg ann an Sgoil Shàbaid, na dheacon agus an uair sin na èildeir anns a' choitheanal. Phòs e fhèin agus a bhean Catherine ann an 1981 agus tha dithis mhac aca, Graeme agus Stuart. Dh'fhàg e BT ann an 1997 agus chaidh e a-staigh airson na ministearalachd, a' tilleadh gu fòghlam ann an Colaiste na h-Eaglaise Saoire ann an Dùn Èideann airson trì bliadhna. Chaidh a phòsadh ri coitheanal Shiaboist san Dàmhair 2000 far an robh e gus an do leig e dheth a dhreuchd aig deireadh 2023. Nuair a gheibh e beagan ùine dha fhèin, rud nach bi a' tachairt ro thric, 's caomh leis a bhith a' falbh air a' bhaidhsagal, a' ruith agus a' coiseachd agus, nuair a dh'fheumas e, bidh e a' dèanamh beagan DIY. Tha ùidh aige cuideachd ann an croitearachd agus sgrìobhadh.
Programme Website