Episode details

Available for 6 days
MĂŹnichidh an t-eòlaiche Iomhais, Coinneach MacMhathain, agus an t-eòlaiche innleadaireachd Murchadh Moireach mar a tha cogadh san Ear Mheadhanach a' toirt buaidh air pris na h-ola agus air eaconamaidh eadar-nĂ iseanta. A comharrachadh leth-cheud bliadhna bho chaochail an dealbhadair Lawrence S Lowry, tha prògram sònraichte air BBCIplayer a tha aâ toirt dhuinn eachdraidh-beatha an duine na bhriathran fhèin. Ann a 1972 ghabh Angela Barratt, boireannach òg a bha deidheil air obair-ealain Lowry, cothrom còmhraidhean a chlĂ radh leis. Tha na còmhraidhean sin rin cluinntinn sa phrògram âLowry: The Unheard Tapesâ . ClĂ radh a tha an-diugh cho prĂŹseil , a thaobh eachraidh Lowry agus an sgĂŹre dham buinneadh e, mar a chluinneas sinn bhon dealbhadair Iseabail Mhoireach. Cluinnidh sinn bho Coinneach MacLeòid agus Gilleasbuig Fearghastan, dhithis a bhios aâ cruinneachadh seann leabhraichean, mun saothair a rinn iad thar nam bliadhnaichean leabhar sònraichte aâ lorg agus mar a tha e feumail dlĂšth-chĂ irdeas a bhith agad le buithtean cathrannais Gach DimĂ irt an-drĂ sta, tha aoighe a' taghadh leabhar agus sgrĂŹobhaiche bho cheĂ rnaidh sam bith dhen t-saoghal, seach Breatann, Aimeireagaidh neo Ăirinn. An-diugh, tha Cameron Wilson air taghadh Animalia aâ sgriobh Jean-Baptiste Del Amo.
Programme Website