Episode details

Available for 29 days
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas: Salm 91: 1-2 air fonn Bedford agus os cionn na seinn tha Dòmhnall Iain MacIllFhinnein le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann an Loch nam Madadh Salm 122: 1-2 air fonn Free Church agus os cionn na seinn the an t-Urramach Seumas Gracie le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Shnìosoirt san Eilean Sgitheanach Salm 73: 25-26 air fonn Moravia agus os cionn na seinn tha Iain Caimbeul le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Chrois ann an Nis Leughadh: Eòin 1: 19-34 Ceann-teagaisg: Eòin 1:29 Rugadh agus thogadh Seonaidh Ailig MacGuaire ann an Solas, Uibhist a Tuath. Fhuair e foghlam ann an Sgoil Dhùn Sgealair agus Sgoil Phaibeil ann an Uibhist agus Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis. Nuair a thòisich e air cosnadh, bha e ag obair aig Alginate Industries far an robh e an sàs ann an obair feamainn. Chuir e seachad seachd bliadhna fichead ag obair eadar Roinn Taigheadas Chomhairle nan Eilean Siar agus Buidheann Taigheadais Innse Gall. Leig e dheth a dhreuchd aig HHP agus goirid an dèidh sin, phòs e agus ghluais e a dh'Inbhir Nis. 'S ann air croit a rugadh 's a thogadh e agus bidh e gu math tric ri obair fearainn ann an Uibhist. Thàinig atharrachadh na bheatha bho chionn còrr is deich bliadhna fichead agus thòisich e air beagan searmonachaidh an dèidh sin. Tha Seonaidh Ailig na èildear ann an Eaglais Chille Mhoire ann an Uibhist a Tuath.
Programme Website