Episode details

Available for 20 days
Chaidh Liz Hurley fhaicinn ann am froc a bh’ oirre bho chionn seachd bliadhna fichead. An e treand ùr a tha seo am measg nan rionnagan, a’ cur orra aodach a tha deicheadan a dh’aois? Am bu chòir dhuinn aodach a chumail nar preasaichean, air eagal ’s gun tig e air ais gu fasan? Tha tòrr sheann phìosan aig Donna NicLeòid, a tha air a bhith aice fad ùine mhòr, agus tha e a’ còrdadh rithe a bhith a’ cumail aodach sònraichte airson bhliadhnaichean. Bha mòr- thoileachas ann nuair a choisinn am film, 'This is Endometriosis' duais BAFTA na bu tràithe am bliadhna airson am film goirid as fheàrr. Do dhaoine a tha a’ fulang leis an tinneas, bha seo na cheum eile gus aire agus mothachadh a thogail mu dheidhinn. Ach a bheil barrachd aire ga thoirt do endometriosis a-nis? A bheil daoine nas mothachail agus nas tuigseile mu dheidhinn? Tha Kirsty NicDhòmhnaill a tha a’ fulang le endometriosis, agus tha air am film fhaicinn, dol a dh'innse cho fìor chudthromach 'sa tha e gu bheil an cuspair seo air nochdadh agus air duais BAFTA a bhuannachadh.
Programme WebsiteTracklist
- TrackArtist
- 1.Watching It BurnWatching It BurnBorderline
- 2.In My ArmsIn My ArmsTeddy Thompson
- 3.Cruel WorldCruel WorldHolly Humberstone