Use BBC.com or the new BBC App to listen to BBC podcasts, Radio 4 and the World Service outside the UK.

Find out how to listen to other BBC stations

Episode details

Radio nan Gàidheal,22 Mar 2026,30 mins

còmhla ris an Urr Calum Dòmhnallach, an Eaglais Shaor

Dèanamaid Adhradh

Available for 19 days

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas: Salm 33: 18-19 air fonn Evan agus 's e D R Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Naomh Chaluim Chille ann an Dùn Èideann Salm 34: 18-19 air fonn Coleshill agus 's e Calum MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Chàralabhaigh Salm 72: 12-13 air fonn London New agus 's e Calum Moireasdan a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais nam Manach-liath ann an Inbhir Nis. Leughadh: Mata 15: 21-39 Ceann-teagaisg: Mata 15: 30-31 Thogadh Mgr Dòmhnallach ann am baile Shiaboist, air Taobh Siar Leòdhais. Às dèidh dha an sgoil fhàgail fhuair e obair ann am Muileann a' Chlò Hearaich a bha anns a' bhaile agus lean e air ag obair ann an sin airson 9 bliadhna. 'S ann às an aon bhaile a tha a bhean aige, Mairead agus tha dithis chloinne aca - Aonghas, a tha na shaor ann an Glaschu agus Anna, a tha na banaltram ann an Inbhir Nis. 'S ann nuair a bha e 23 bliadhna a chaidh Mgr Dòmhnallach iompachadh agus bliadhna no dhà às dèidh sin dh'fhairich e gairm chun na ministrealachd. Chaidh e air ais gu foghlam aig àrd-ìre agus gu ruige Oilthigh Obar Dheathain far an do rinn e MA. Às an sin chaidh e gu Colaiste na Diadhachd aig an Eaglais Shaor ann an Dùn Èideann. B' ann gu sgìre na Pàirce a chaidh e an toiseach na mhinistear agus bha e an sin airson 7 bliadhna gus an do ghluais e a Chalanais far an robh e na mhinistear airson 23 bliadhna. Leig e dheth a dhreuchd ann an 2025. Ged nach eil uallach coitheanal air, tha e fhathast gu math tric a' searmonachadh ann an diofar sgìrean air an deireadh sheachdain. Nuair a gheibh e ùine dha fhèin airson beagan cur-seachad, 's toil leis a bhith a' ruith chaorach, nì anns a bheil tlachd air a bhith aige bho làithean òige.

Programme Website
More episodes
Trending Now