Episode details

Available for 20 days
A bheil cà il a dh'fheum ann an obair-dachaigh? Tha Pà rtaidh Uaine na h-Alba air moladh cur às do dheuchainnean agus obair-dachaigh - ach a bheil feum unnta idir? Tha Coinneach Mac a' Ghobhainn a' bruidhinn ri feadhainn a bha roimhe nan tidsearan mu na bha iadsan a' faicinn sa chlas-sgoile. Cluinnidh sinn cuideachd bhon t-sagairt Mgr Earraig, a bhuineas don Phòlainn, mu chleachdaidhean eadar-dhealaichte air feadh an t-saoghail son Didòmhnaich Slat Phailm. 'S e cleachdaidhean nan teintean faire mun cluinn sinn bhon Dr Dòmhnall Uilleam Stiùbhart, agus mar a bhathas uaireigin a' lasadh theintean son fios a sgaoileadh feadh nan cladaichean air a' Ghà idhealtachd. Agus an t-seachdain sa 's e an sgrìobhadair Calum MacLeòid a tha air leabhar a thaghadh dhuinn bho chà nan is bho chultar air taobh tha muigh saoghal na Gà idhlig agus na Beurla. Saoil carson a thagh e an nobhail ghoirid air a bheil "A Shining", le Jon Fosse, eadar-theangachadh bhon Nirribhis.
Programme Website