Episode details

Available for 23 days
Tha Cathy, John Neil Dòmhnallach agus Patsi NicChoinnich a' bruidhinn mu dheidhinn an drà ma ùr air Channel 5, Power: The Downfall of Huw Edwards. Tha an t-sreath a' toirt sùil air mar a chaill an craoladair Huw Edwards a chliù. Dè a shaoil iad dhen drà ma agus a bheil iad a’smaòineachadh gu bheil e iomchaidh drà ma a dheanamh mu chuspair cho connspaideach? Chan eil ach beagan mhìosan gus an tèid sgioba ball-còise na h-Alba a-null a dh’Aimeireagaidh. Tha an lèine ùr pinc a bhios orra, air mòran còmhradh a tharraing tron t-seachdain! 'S dè na lèintean ball-coise eile a b' fheà rr a chòrd riamh ri Mìcheal Steele, Marina Mhoireach, agus Finlay Cunniffe? Tha an litir mu dheireadh a' sgrìobh Mà iri, Ban-rìgh na h-Alba fhathast ri fhaicinn aig Taigh-tasgaidh Pheairt gu deireadh an ath mhìos. Chaidh Fionnlagh MacSuain ga fhaicinn 's e ag innse do Chathy mu dheidhinn. Bha ceathrar còcairean ainmeil Michelin air chuairt ann a Leòdhas agus na Hearadh bho chionn ghoirid. Bha Alasdair MacLeòid nan cois, 's fhuair Mà irianna NicChoinnich, facal air mun turas 's na dh' ionnsaich iad mu eachdraidh agus dualchas bìdh na h-eileanan.
Programme Website