Episode details

Available for 28 days
'S iomadh rud a bhiosar an-diugh a' ceannachd air-loidhne, seach sna bùithtean fhèin - agus anns gach gnìomhachas, tha daoine gu math tric a' toirt sùil air lèirmheasan air-loidhne. Ach le ceistean mu cho fìrinneach is a tha cuid a là raich lèir-mheasaidh, a bheil sinn a' toirt cus suim dhaibh? Tha triùir còmhla ri Cathy le 'm beachdan fhèin air a' ghnothaich. Cluinnidh sinn mun dealbh-chluich ciùil ùr "Flora" - mu Fhionnghal NicDhòmhnaill, a chuidich Teà rlach Òg Stiùbhart is e a' teicheadh à Alba. Ach a bheil sinn fhathast a' faicinn dealbh seann-fhasanta leanabaidh de na Gà idheil air an à rd-ùrlar? Tha Rhona NicDhòmhnaill cà irdeach do na dearbh Dhòmhnallaich... is tha i air an dealbh-chluich ùr fhaicinn gus beachd a thoirt seachad air. Tha Mà iri Kidd a' toirt dhuinn a taghadh fhèin de leabhar bho thaobh-tha-muigh shaoghal litreachais na Beurla is na Gà idhlig - Alpha, nobhail-dheilbh mu fhògarraich, a chaidh fhoillseachadh ann am Frangais an-toiseach. Bha sgioba Radio nan Gà idheal gu math duilich cluinntinn gun do bhà saich Ailig MacAmhlaigh à Paiblesgearraidh ann an Uibhist a' Tuath, a chuir ri iomadach prògram thar nam bliadhna, agus aig an robh iomadach sgeulachd is seanchas ri innis. Mar chuimhneachan air cluinnidh sinn cuideachd sa phrògram bho Ailig fhèin a' bruidhinn ann am Facal Oirbh, sa bhliadhna 1998 - còmhla ri Flòraidh NicIlleathain nach maireann, is e a' bruidhinn air is ag atharrais air cuid de na h-eòin a bha mun cuairt orra.
Programme Website