Air ùrachadh: 26 An Dàmhair 2022
Gheibhear stuthan aâ BhBC tro innealan gutha Amazon Echo is Google Home. Bheir sinn taic do dhâinnealan gutha eile rè Ăšine.
Dè na stuthan BBC a gheibhear air Google Home?
BBC Sounds
Faodar èisteachd ri na stèiseanan rèidio BBC as fheĂ rr leat. Can: âOk Google, play BBC [stèisean rèidio]â. Lorg gach stèisean rèidio a thâ aig aâ BhBC.
Naidheachdan
Tha BBC Naidheachdan, Naidheachdan World Service agus BBC Minute air fad rim faighinn. Can: âOK, Google, play the newsâ. Leugh mar a chuireas tu goireasan naidheachd air dòigh ann an app Google Home.
An-drĂ sta, chan fheum thu logadh a-steach gud chunntas BBC airson Google Home a chleachdadh.
Dè na stuthan bhon BhBC a gheibhear air Amazon Echo?
BBC Sounds
Le Skill aâ BhBC, faodar èisteachd beò ri stèiseanan rèidio aâ BhBC air fad agus ar susbaint air iarrtas air fad a chluich, aâ gabhail a-steach phrògraman, podcastan agus measgachaidhean ciĂšil.
Cuir eòlas air òrduighean airson BBC Sounds air Amazon Echo/Alexa.
Naidheachdan eadar-ghnĂŹomhach
Airson na naidheachdan as Ăšire fhaighinn, can âGive me BBC Newsâ ri inneal Alexa sam bith.
Airson gluasad tro na sgeulachdan: âAlexa, nextâ.
Airson tuilleadh fiosrachaidh fhaighinn mu sgeulachd shònraichte: âAlexa, more from the BBCâ.
Flash Briefings
Tha BBC Naidheachdan, BBC Sport, BBC Business, Naidheachdan World Service agus BBC Minute air fad rim faighinn mar Flash Briefings. Can: âAlexa, play my Flash Briefingâ. Leugh mar a chuireas tu Flash Briefings air dòigh ann an app Alexa
Ma tha inneal Amazon le sgrion agad, leithid an Echo Show no Echo Spot, gheibh thu Flash Briefings BBC Naidheachdan mar bhidio.
Ciamar a gheibh mi BBC Skill air Amazon Echo?
Airson Skill aâ BhBC a chur an comas gu fèin-obrachail, can: âAlexa, open the BBCâ. Neo, faodaidh tu Skill aâ BhBC a lorg agus a chur an comas tro app no lĂ rach-lĂŹn Alexa. Tha e an-asgaidh.
An uair sin feumaidh tu do chunntas BBC a cheangal ris an inneal gutha. Airson sin a dhèanamh, cliog air aâ phutan Seataidhean airson Skill aâ BhBC ann an app Alexa.
Mura bheil cunntas BBC agad, faodaidh tu clĂ radh airson fear an seo â rud a tha luath is sĂŹmplidh. Feumaidh tu a bhith nas sine na 13 gus na cunntais a cheangal. Airson tuilleadh fiosrachaidh mu mar a bhios sinn aâ cumail dâ fhiosrachadh tèarainte, tadhail air Dâ fhiosrachadh & Do PhrĂŹobhaideachd.
Airson âs gun obraich Skill aâ BhBC, feumaidh cĂ nan Alexa a bhith suidhichte aig Beurla (RA) seach Beurla (SA). Airson fiosrachadh nas mionaidiche mu bhith stèidheachadh skills, rach gu duilleag Cuir Air Alexa Skills air Amazon.
Taic le bhith aâ cleachdadh Skill aâ BhBC
Nuair a tha thu aâ cleachdadh Skill aâ BhBC, âs urrainn rian a chumail air na stuthan ris a bheil thu ag èisteachd le stiĂšireadh guth. The e cho sĂŹmplidh sin.
Airson an skill a thòiseachadh, can âAlexa, open the BBCâ.
Gus do chuideachadh tòiseachadh air an seo, thèid faighneachd dhut dè an stèisean rèidio, prògram no podcast a chòrdadh e riut a chluinntinn nuair a thèid thu gu Skill aâ BhBC airson aâ chiad uair. Neo, airson faighinn gu na rudan as fheĂ rr sa bhad, can âAlexa, ask BBC to play [stèisean rèidio, prògram no podcast]â.
Duilgheadasan le bhith aâ cluich phrògraman BBC air innealan Amazon Echo
Tha sinn mothachail gu bheil duilgheadasan aig cuid den luchd-cleachdaidh le bhith aâ cluich stèiseanan agus prògraman BBC air innealan Amazon Echo. Mar eisimpleir, uaireannan chan fhaighear lorg air stèisean no prògram, uaireannan cha chluich iad, neo bidh an ceangal aâ fĂ ilneachadh.
Tha sinn aâ toirt sĂšil air an seo cuide ri Amazon. Aig an ĂŹre seo, faodar na leanas fheuchainn:
- An toiseach, dèan cinnteach gu bheil seataidhean cà nain Alexa suidhichte aig Beurla (RA). Thoir sÚil air agus Úraich do sheataidhean cà nain
- Cuideachd, is fhiach dearbhadh gu bheil dâ inneal aâ cleachdadh ma bathar bog as Ăšire. Thoir sĂšil air agus Ăšraich bathar bog dâ inneal Alexa
NĂŹ sinn Ăšrachadh air an fhiosrachadh seo nuair a tha stiĂšireadh eile againn.