'S e lĂ rach-lĂŹn GhĂ idhlig a th' anns A' Choille air a bheil cothroman freagarrach dha clann ann am Foghlam tro Mheadhan na GĂ idhlig agus dha clann a tha a' faighinn eòlas air GĂ idhlig tro phrògram GLPS. 'S dòcha gu bheil an susbaint, an cĂ nan is na gnĂŹomhan nas buntainniche dha clann aig a' Chiad Ăre ann am Foghlam tro Mheadhan na GĂ idhlig (agus cuid de na tha san TrĂ th Ăre dha fileantaich) ach tha cothroman freagarrach ann dha clann a tha nan luchd-ionnsachaidh na GĂ idhlig agus ag obair a dh'ionnsaigh na Dara Ăre den Churraicealam airson SĂ r Mhathas. Ach a thaobh luchd-ionnsachaidh na GĂ idhlig 's dòcha gum feumar taic a thoirt seachad co-cheangailte ri pĂ irtean den chĂ nan seach gur i a' GhĂ idhlig a-mhĂ in a th' air an lĂ raich-lĂŹn.
Anns A' Choille tha sgeulachdan beothail, agus òrain, bà rdachd is gnÏomhan co-cheangailte riutha. Tha a dealbhachadh a rèir prionnsapalan CfE le bhith a' tabhann chothroman airson farsaingeachd cà nain thar dhiofar shuidheachaidhean, le cothroman airson doimhneachd tro chleachdadh sgeulachdan is bà rdachd. Faodar gnÏomhan a dhèanamh pearsanta agus tha cothrom aig luchd-cleachdaidh crÏoch a chur air na sgeulachdan mar a thogras iad fhèin agus susbaint nan sgeulachdan a chruthachadh iad fhèin. Tha seo cuideachd a' toirt cothrom airson adhartas a dhèanamh.
Chithear gu h-Ïosal cunntas air an eòlas is na h-amasan a tha co-cheangailte ris a' ghoireas seo. Dh'fhaodadh iad cuideachd cur ri roinnean eile den churraicealam nach eil air an ainmeachadh.
Litreachas agus GĂ idhlig
⢠Bidh mi gu tric a' taghadh cuspair, adhbhar, cruth agus goireasan airson mo theacsaichean fhÏn a chruthachadh.
LIT 1-01a/LIT 2-01a
⢠Tha mi a' rannsachadh mar a tha luaths cainnte, gluasadan bodhaig, dòigh-labhairt, cuideam agus taghadh fhacail gan cleachdadh airson a bhith a' dèiligeadh ri daoine eile, agus 's urrainn dhomh na tha mi ag ionnsachadh a chur gu feum.
GAI 1-03a
⢠'S urrainn dhomh aithneachadh mar is urrainn feartan cà nan labhairt cuideachadh le conaltradh, agus 's urrainn dhomh na dh'ionnsaicheas mi a chur gu feum.
⢠'S urrainn dhomh diofar fheartan aithneachadh anns a' chà nan labhairt agam fhÏn agus aig daoine eile.
GAI 2-03a
⢠Fhad 's a tha mi ag èisteachd no a' coimhead, is urrainn dhomh adhbhar agus prÏomh fhacail agus bheachdan an teacsa aithneachadh agus bruidhinn air, agus am fiosrachadh seo a chleachdadh airson adhbhar sònraichte.
LIT 1-04a
⢠Fhad 's a tha mi ag èisteachd no a' coimhead, 's urrainn dhomh adhbhar an teacsa, na prÏomh bheachdan agus am fiosrachadh a tha a' cur taic riutha aithneachadh agus bruidhinn orra, agus 's urrainn dhomh am fiosrachadh seo a chleachdadh airson diofar adhbharan.
LIT 2-04a
⢠'S urrainn dhomh beachdan is fiosrachadh iomchaidh a thaghadh is a chur an òrdugh agus facail a chleachdadh a bhios inntinneach is feumail do dhaoine eile.
LIT 1-06a
⢠'S urrainn dhomh beachdan is fiosrachadh iomchaidh a thaghadh is a chur an òrdugh ann an dòigh a tha freagairt air m' adhbhar agus facail a chleachdadh a fhreagras air mo luchd-amais.
LIT 2-06a
⢠'S urrainn dhomh sealltainn gu bheil mi a' tuigsinn na tha mi ag èisteachd no a' coimhead le bhith a' freagairt no a' faighneachd diofar sheòrsaichean cheistean.
LIT 1-07a
⢠'S urrainn dhomh sealltainn gu bheil mi a' tuigsinn na tha mi ag èisteachd no a' coimhead le bhith a' freagairt cheistean litireil, ceistean a' sireadh brÏgh, ceistean measaidh no seòrsaichean cheist eile, agus le bhith a' faighneachd cheistean de dhiofar seòrsaichean bhuam fhÏn.
LIT 2-07a
⢠Le beachdachadh air an t-seòrsa teacsa a tha mi a' cruthachadh, 's urrainn dhomh fiosrachadh is smuaintean iomchaidh a thaghadh, a chur an òrdugh agus facail a chleachdadh a bhios inntinneach agus/no feumail do dhaoine.
LIT 1-26a
Luchd-ionnsachaidh
⢠Tha mi a' faighinn eòlas air pà train agus fuaimean cà nain tro òrain agus rannan agus a' sealltainn tuigse agus tlachd le bhith ag èisteachd, a' gabhail pà irt agus a' freagairt.
MLAN 2-01a
⢠Bidh mi a' feuchainn òrain agus rannan sÏmplidh agus is toigh leam a bhith ag ionnsachadh còmhla ri daoine fhad 's a tha sinn a' bruidhinn is ag èisteachd còmhla.
MLAN 2-05a
⢠Dh'obraich mi còmhla ri daoine eile, a' cleachdadh diofar mheadhanan mar ICT mar a bha sin iomchaidh, agus 's urrainn dhomh cur gu soirbheachail ri taisbeanadh ann am Beurla, le taic bhon chà nan a tha mi ag ionnsachadh, mu chuspair a' buntainn ris an dÚthaich far a bheil an cà nan a tha mi ag ionnsachadh ga bhruidhinn.
MLAN 2-06b
⢠Tha mi ag obair leam fhÏn agus còmhla ri daoine eile airson teacsa a thuigsinn, a' cleachdadh ghoireasan iomchaidh, a' sealltainn gu bheil mi a' tuigsinn le bhith a' maidseadh fhacail agus dhealbhan agus le bhith a' cur an teacsa air ais ri chèile ann an òrdugh rianail, mar eisimpleir.
MLAN 2-08a
⢠'S urrainn dhomh measgachadh de theacsaichean de dhiofar sheòrsaichean a thaghadh agus a leughadh gun strÏ, leam fhÏn agus còmhla ri daoine eile, nam measg neo-fhicsean, cunntasan goirid mac-meanmnach agus rosg is bà rdachd, 's dòcha air an atharrachadh.
MLAN 2-10a
Sgeulachdan
⢠Oighrig Ăruisg
⢠Draoidh Paidh nan Siristean
⢠Calum Cathag
⢠A' Lorg na Grèine
Faodaidh sgoilearan sgeulachd a choimhead no a leughadh, agus an uair sin feuchainn air na gnÏomhan òrdachaidh, atharrachaidh agus chruthachaidh.
Ărain
Tha na h-òrain air an seinn le ceithir creutairean cà irdeil:
⢠Ăran Ulaidhoillt
⢠Ăran Iain Ialtag
⢠Ăran RĂšbaidh Rabaid
⢠Rap DoilidhtuhÚ
Faodaidh sgoilearan faclan an t-sèist a thaghadh agus aodach diofraichte a chur air na caractaran. Daingnichidh seo an cà nan le bhith a' cleachdadh molaidhean lèirsinneach agus bheir e cothrom dha luchd-ionnsachaidh fuaimneachaidh a chluinntinn.
Rannan
⢠Gille Beag Laghach
⢠Latha Doilleir Dorcha
⢠Sabhs
⢠Sgoil nan Eun Beaga
Ăist agus faigh a-mach dè na beachdan a th' aig Ulaidhoillt, Iain Ialtag, RĂšbaidh Rabaid agus DoilidhtuhĂš air na rannan. An uair sin faodaidh luchd-cleachdaidh am beachd fhèin a thoirt orra le bhith a' cleachdadh faclan is dealbhan. Tha beagan de chĂ nan dĂšbhlanach sa bhĂ rdachd agus thathas a' moladh gun cleachd tidsearan seo mar chothrom airson teagasg. Bu chòir dha luchd-ionnsachaidh a bhith eòlach air a' chĂ nan mus toir iad beachd air a' bhĂ rdachd no mus freagair iad.
Taic claistinneach is lèirsinneach
Faodar cliogadh air a' phutan Roghainnean gus:
⢠an teacsa ath-mheudachadh agus an cÚl-dhath agus dath an teacsa atharrachadh
⢠an teacsa air an sgrion a' chluinntinn ga leughadh
⢠fo-thiotalan a chur an sàs airson a' mhòrchuid dhe na stuthan fuaim is bhidio.
Chan eil 'Roghainnean' ri fhaotainn san earrainn do PhĂ rantan is Thidsearan.
Gabhaidh a' mhòrchuid dhen t-susbaint a sgrÚdadh le bhith a' cleachdadh a' phutan 'Tab'.