Cliog air ìomhaigh a' chupa airson na geamannan a chluich. 'S e amas nan geamannan sin toirt air Coineanach na glasraich gu lèir air an loidhne à ireimh ithe le cho beag oidhirpean 's a ghabhas.
Tha 60 gèam ann. 'S e gèam 1 as fhurasta is gèam 60 as doirbhe. Tha na geamannan air an rèiteachadh ann an 6 buidhnean de 10 geamannan de dhuilgheadas co-ionann:
• grian(1 gu 10)
• oidhche (11 gu 20)
• sneachd (21 gu 30)
• laighe-grèine (31 gu 40)
• fà nas (41 gu 50)
• baile mòr (51 gu 60).
Faodar geamannan a chluich ann an òrdugh sam bith. Tha an deicheamh gèam aig gach ìre glaiste agus feumaidh tu cupa òir a bhuannachadh sna naoi geamannan eile mus fhaigh thu air fhosgladh.
Amasan a' Gheama
Thoir air a' Choineanach socrachadh air na glasraich le cho beag oidhirpean 's a ghabhas. Thèid duais òir, airgid no umha a bhuileachadh aig crìoch gach geama a rèir à ireamh nan oidhirpean a chaidh a dhèanamh. Fhad 's a tha an gèam a' dol air adhart tha an à ireamh oidhirpean air a thaisbeanadh air oir dheis an sgriona aig a' bhonn. Tha oidhirp a' gabhail a-steach:
• meud an leum atharrachadh
• a' dèanamh leum.
• Tha à ireamh nan oidhirpean a dh'fheumas Coineanach airson an gèam a chrìochnachadh air na bogsaichean air oir dheas na sgriona aig a' mhullach.
• Cliog air an t-saighead uaine airson toirt air Coineanach leum air an loidhne à ireimh.
• Cliog air a' phutan thoir air falbh (no brùth iuchair chlì na saigheid air a' mheur-chlà r) no brùth air a' phutan cur ris (no brùth iuchair dheas na saigheid) airson atharrachadh a dhèanamh air an taobh a leumas Coineanach.
• Cliog air na siutan à ireimh fon loidhne à ireimh (no brùth an iuchair co-fhreagrach air a' mheur-chlà r) gus meud leum a' Choineanaich a thaghadh.
• Nuair a shocraicheas Coineanach air glasraich tha e air ithe agus falbhaidh an glasraich bhon loidhne à ireimh.
• Nuair a shocraicheas Coineanach air uilebheist thèid a shadadh bhon loidhne à ireimh mus tèid a chur air ais air an loidhne aig 0.
• Nuair a shocraicheas Coineanach air trampoline nì e leum a bhios co-ionann ris an à ireamh a th' air.
• Airson sealladh fhaighinn air na tha gu deas is clì air an loidhne à ireimh, cuir an cùrsair air oirean deas is clì an sgriona.
Gnìomhan Rannsachaidh a' Choineanaich
Cliog air comharra a' bhailiùin air ceum a' Choineanaich airson na Gnìomhan Rannsachaidh a thaghadh. 'S e gnìomhan neo-chuibhrichte a th' annta sin far nach eil ro-thargaidean suidhichte agus bu chòir a' chlann a bhrosnachadh gus rannsachadh agus obrachadh nan dòigh fhèin. Tha iad air an dealbh airson a bhith air an cluich le clann nan aonar, le pà iste eile no le pà rant no tidsear. Faodaidh tu do thòimhseachain fhèin a chruthachadh anns na gnìomhan rannsachaidh. Faodaidh tu na glasraich, na h-uilebheistean is na trampolines a tha air an loidhne à ireimh mu thrà th a ghluasad is atharrachadh agus feadhainn eile a chur rithe.
Tha Rannsachadh 1 (am bailiùn clì) a' toirt fiosrachadh mu:
• cunntadh air adhart is air ais ann am buidhnean de 2, 3, 4, 5 agus 10
• à ireamhan corra is cothromach
• dùblachadh
• obair mhiùtach shìmplidh.
Tha Rannsachadh 2 (am bailiĂąn deas) a' toirt fiosrachadh mu:
• cunntadh air adhart is air ais ann am buidhnean de 6, 7, 8 agus 9
• iomadan de 2, 5 agus 10
• obair mhiùtach.
StiĂąireadh Rannsachaidh
• Airson rudan a th' air an loidhne à ireimh mu thrà th a ghluasad, cliog orra agus slaod iad gun suidheachadh ùr. Airson sùil a thoirt tro na roghainnean, faodaidh tu am feartan atharrachadh le bhith a' cliogadh air na saigheadan dearga a nochdas.
• Airson rudan a thoirt às faodaidh tu cliogadh orra is an slaodadh gun à ite fon loidhne à ireimh.
• Airson glasraich is uilebheistean a chur rithe cliog air ìomhaighean a' churrain is nan uilebheistean san oir dheis aig a' bhonn agus slaod an cuspair gun loidhne à ireimh. Faodaidh tu an glasraich non uilebheist a tha thu ag iarraidh a thaghadh le bhith a' cliogadh air na saigheadan dearga airson sùil a thoirt tro na roghainnean.
• Airson trampolines a chur ris an loidhne à ireimh, cliog air ìomhaigh an trampoline san oir dheis aig a' bhonn agus slaod e gun loidhne à ireimh. Tagh dè cho fada agus dè an taobh a leumas Coineanach nuair a shocraicheas e air an trampoline le bhith a' cliogadh air na saigheadan dearga airson sùil a thoirt tro na roghainnean. Ma thaghas tu trampoline na roinneig, bidh leum a' Choineanaich co-ionann ris an leum a rinn e airson socrachadh air an trampoline sin.
• Nuair a nochdas bailiùn dearg, thoir air a' Choineanach socrachadh air airson gnìomh rannsachaidh ùr a thòiseachadh.