Tha na gnìomhan seo a' sealltainn mar a thèid tuigse fhaighinn air à ireamhan mar cuspairean cunntaidh a ghabhas an cur còmhla. Tha na creutairean rin canar Smeabalan co-ionann ri na cunntairean, grìogagan is blocaichean a bhios clann tric a' cleachdadh gus ionnsachadh mu cur ris, toirt air falbh, iomadachadh is roinneadh sa chlas. 'S e an amas Sionnach a chuideachadh a' lìonadh nan soithichean-fà nais leis an à ireamh cheart de Smeabalan le cho beag oidhirpean 's a ghabhas.
Geamannan an t-Sionnaich
Cliog air comharra a' chupa airson na geamannan a chluich. Cuidich Sionnach a' lìonadh nan soithichean-fà nais leis an à ireamh cheart de Smeabalan le na h-à ireamhan as lugha de dh'oidhirpean. Tha an à ireamh a tha riatanach air a taisbeanadh air na soithichean. Ann an cuid de gheamannan feumaidh tu an soitheach-fà nais a lìonadh a rèir na riaghailt a th' air cliathaich na soithich, e.g. à ireamhan cothromach a-mhà in no iomadan de 10 a-mhà in.
Tha 60 gèam ann. 'S e gèam 1 as fhurasta is gèam 60 as doirbhe. Tha na geamannan air an rèiteachadh ann an 6 buidhnean de 10 geamannan den aon ìre duilgheadais:
• sgòth (1 gu 10)
• trà igh (11 gu 20)
• creagan (21 gu 30)
• caisteal (31 gu 40)
• pioramaid (41 gu 50)
• coille (51 gu 60).
Faodar geamannan a chluich ann an òrdugh sam bith. Tha an deicheamh gèam anns gach ìre glaiste agus feumaidh tu cupa òir a bhuannachadh sna naoi geamannan eile airson fhosgladh.
Amasan nan Geamannan
'S e an t-amas a th' agad an soitheach-fà nais a lìonadh le cho beag oidhirpean 's a ghabhas. Thèid duais òir, airgid no umha a bhuileachadh aig crìoch gach geama a rèir na chaidh a dhèanamh de dh'oidhirpean. Fhad 's a tha an gèam a' dol air adhart bidh an à ireamh oidhirpean ga thaisbeanadh air oir dheis an sgriona aig a' mhullach. Tha oidhirp a' gabhail a-steach:
• a' cur Smeabalan ris an t-sloc
• a' toirt Smeabalan air falbh bhon t-sloc
• a' falmhachadh an t-sloc le putan glanaidh
• a' sgèith an t-soithich-fà nais thairis air an t-sloc.
• Airson na Smeabalan a shuidheachadh anns an t-sloc, cliog air na botail ri oir an t-sloc. Bidh à ireamh nam botal eadar-dhealaichte bho ghèam gu gèam.
• Cliog air a' phutan cuir ris airson toirt air na botail Smeabalan a chur ris an t-sloc.
• Cliog air a' phutan thoir air falbh airson toirt air na botail Smeabalan a thoirt air falbh bhon t-sloc.
• Nuair a bhios an à ireamh cheart de Smeabalan sa bhotal, cliog air an t-soitheach-fà nais airson toirt oirre sgèith os cionn an t-sloc agus Smeabalan a thoirt suas.
• Cliog air a' phutan glanaidh (ri taobh putanan cuir ris is thoir air falbh) airson na Smeabalan uile a thoirt às an t-sloc.
• Nuair a tha botal falamh aig taobh deis an t-sreatha, faodaidh tu taghadh an à ireamh Smeabalan a chuireas am botal ris an t-sloc. Cliog air a' bhotal fhalamh gus toirt air na Smeabalan a chur dhan t-sloc is an stòradh ann. Cliog air a-rithist gus toirt air an t-sloc a lìonadh leis an à ireamh Smeabalan a ghabh e a-steach. Cliog air a' phutan glanaidh ri thaobh airson na Smeabalan a thoirt à s.
• Nuair a tha cuid de dh'uinneagan an t-soithich falamh, feumaidh tu sreath nan à ireamhan sna h-uinneagan a chomharrachadh agus na h-uinneagan falamh a lìonadh le à ireamhan a tha a' coileanadh an t-sreatha.
• Bidh botail bhoillsgeach a' dol à sealladh nuair a thèid an cleachdadh aon uair is mar sin nuair a chluicheas tu geamannan anns a bheil iad sin, feumaidh tu smaoineachadh eadhon nas faiceallaiche mu mar a tha thu dol a dhèanamh an-à irde na h-à ireamhan a dh'fheumas tu.
• Cliog air an t-sloc gus taisbeanadh à ireamh nan Smeabal sna botail agus san t-sloc.
• Cliog air a' phutan ath-thòiseachaidh san oir dheis aig a' mhullach airson an gèam a chluich a-rithist bhon toiseach.
• Innsidh Sionnach dhut dè an t-suim a rinn thu agus nochdaidh an t-suim aig oir chlì an sgriona aig a' bhonn.
• Chan fhaodar buinn sam bith a bhuainnichear is a chaidh a thaisbeanadh a chumail ach a-mhà in fhad 's a tha an seisean sònraichte sin a' dol air adhart.
• Cha ghabh broinn an t-sloc ach 100 Smeabalan.
• Cliog air Sionnach airson cuideachadh.
Geamannan Rannsachadh an t-Sionnaich
Cliog air comharra a' bhailiùin gus trì gnìomhan rannsachaidh neo-chuibhrichte a chluich. Tha soithichean is botail air an suidheachadh an toiseach gus brosnachadh a thoirt do rannsachadh air bun-bheachd shònraichte ach chan eil targaidean ro-shuidhichte sam bith ann. Tha iad air an dealbh airson gun cluich clann iad nan aonar, le pà iste eile no le pà rant no tidsear.
Tha trì gnìomhan rannsachaidh ann:
Rannsachadh 1 (Soitheach-fĂ nais orains)
Lìon na tuill san t-soitheach leis an à ireamh Smeabalan a tha a rèir an à ireimh a tha sgrìobhte air a cliathaich. Aon uair 's gu bheil thu air an t-soitheach a lìonadh nochdaidh soitheach ùr fhalamh. Tha a' ghnìomh seo a' toirt seachad fiosrachadh mu:
• cunntadh air adhart is air ais ann am buidhnean de 2, 3, 4, 5 agus 10
• dùblachadh.
Rannsachadh 2 (Soitheach-fĂ nais uaine)
Lìon an t-soitheach-fà nais fhalamh le na thogras tu de Smeabalan. Aon uair 's gu bheil thu air an t-soitheach a lìonadh nochdaidh soitheach ùr fhalamh. Tha a' ghnìomh seo a' toirt seachad fiosrachadh mu:
• cunntadh air adhart is air ais ann am buidhnean de 2, 5, 6, 7, 8, 9 agus 10.
Rannsachadh 3 (Soitheach-fĂ nais dhearg)
Lìon an t-soitheach riaghailt leis an à ireamh de Smeabalan a tha a' gabhail ris an riaghailt a tha sgrìobhte air a cliathaich. Aon uair 's gu bheil thu air an t-soitheach a lìonadh nochdaidh soitheach ùr fhalamh.
Tha an riaghailt a' gabhail a-steach:
• à ireamhan corra
• à ireamhan cothromach
• iomadan de 2
• iomadan de 5
• iomadan de 10
• à ireamhan a' crìochnachadh le 0.
Tha a' ghnìomh seo a' toirt seachad fiosrachadh mu:
• iomadan de 2, 5 agus 10
• à ireamhan corra is cothromach
• à ireamhan a' crìochnachadh le 0.