'S ann air oileanaich air AS1 agus AS2 san à rd-sgoil a tha an là rach seo ag amas, ged a dh'fhaodadh cuid de na stuthan a th' oirre a bhith freagarrach do luchd-ionnsachaidh nas òige.

Tha an là rach stèidhichte air Ionad Spòrs. An cois gach bhidio, drà ma agus faidhle fuaim tha fo-thiotalan a tha rim faighinn ann an Gà idhlig no ann am Beurla. 'S iad luchd-teagaisg an ionaid Finn, Eilidh agus Ceit, na prÏomh charactaran ris an coinnichear.
Tha gnÏomhan agus bhidiothan rin lorg taobh a-staigh: An Taigh Spòrs, Am Bothan agus an Ionad Teasairginn. Tha na stuthan gu lèir a' cur Gà idhlig air adhart air diofar dhòighean agus a' toirt a' chothroim eòlas air briathrachas, structair agus gnà thasan-cainnt Gà idhlig a leudachadh agus a leasachadh.
Tha na drà mathan agus na bhidiothan eile a' ceangal ri Cuirricealam airson Sà r-mhathais agus a' leantainn nam prionnsabalan air a bheil sin stèidhicte, a' libhrigeadh, dÚbhlan agus tlachd, farsaingeachd agus doimhneachd eòlais mun Ghà idhlig.
Am measg nan gnĂŹomhan tha:
| Earrann | Stuthan |
| Duilleag Dachaigh | A' lÏonadh cairtean Aithneachaidh Luchd-teagaisg an Ionaid: Ag innse cò thu. Tagh Neach-teagaisg airson cairt fhosgladh. |
| An Taigh Spòrs | Bhidiothan Drà ma: Còig drà mathan ghoirid stèidhichte air luchd-teagaisg an Ionad Spòrs. Tha na sgeulachdan a' gabhail a-steach briathrachas co-cheangailte ri teaghlach; biadh; airgead; an uair agus faireachdainnean. Cliog tiotal air a' bhòrd fiosrachaidh san Taigh Spòrs airson bhidio a choimhead. Gèam Heileacoptair: Coimhead bhidio drà ma agus freagair a' cheist a tha ga leantainn airson cothrom Gèam Heileacoptair a chluich. Tha e stèidhidhte air briathrachas co-cheangailte ri teaghlach; biadh; airgead; an uair agus faireachdainnean. Gèam Mise: Gèam spòrsail a' cleachdadh briathrachas, coltas agus aodach airson dealbh cairtÚn a chruthachadh. Cliog air an Tbh anns an Taigh Spòrs airson a' ghèam a thòiseachadh. |
| Ionad Teasairginn | Rèidio Ăiginn: A' rannsachadh an fhuaim a nĂŹ dĂ litir còmhla m.e. "mh". Cothrom èisteachd ri facail agus seantansan anns a bheil na fuaimean sin. Rach chun Rèidio Ăiginn tro ĂŹomhaigh an rèidio air a' bhòrd san Ionad Teasairginn. Cairt Aithneachaidh an StiĂširiche Teasairginn Beinne: Ag innse cò thu. Cliog air ĂŹomhaigh Ceit san Ionad Teasairginn gus a' cairt ID fhosgladh. Mapa: Briathrachas a' mĂŹneachadh na tha san sgĂŹre mu chuairt an Ionad Spòrs (sgrĂŹobhte agus le fuaim). Cliog air a' mhap air balla an Ionaid Teasairginn airson fhosgladh. Tarraing an oir dearg, gluais air feadh a' mhap agus leugh is cluinn dè tha faisg air an ionad. |
| Am Bothan | Bhidiothan Gà idhlig agus Obair: Còig bhidiothan a' leantainn latha ann am beatha chuideigin a tha a' cleachdadh Gà idhlig nan dreuchd: Fear-stiÚir Bà ta Teasairginn, StiÚiriche Telebhisein, Ball Pà rlamaid, Tidsear a tha a' fuireach san Spà inn agus Oifigear Foghlam Ealain. Cliog air an inneal GPS a th' air leabaidh A' Bhothain gus earrann nam filmichean fhosgladh. Cleachd na saighdean airson film a lorg. Bhidhiothan Spòrs: Facail shÏmplidh co-cheangailte ri curachadh, baidhsagalan beinne, iomain, ball-coise, marcachd thonn, bòrdadh-sneachda, rugbaidh, abseileadh agus surfadh. Airson bhidio a choimhead, tagh am Bòrd Fiosrachaidh anns a' Bhothan. Beachdan Luchd-turais: Bhidiothan agus beachdan sgrÏobhte bho luchd-turais a thadhail air Ionad Dealais, le fiosrachadh mu na bailtean-mòra às an tà inig iad: Francesca às an Ròimh, Costas à Baile na h-Aithne, Chantal à Paris. Tagh an coimpiutair anns a' Bhothan airson na trÏ bhidiothan a choimhead. Bhidiothan Cultair: Tar-shealladh air suidheachadh na Gà idhlig ann an Alba. Cliog air an telebhisean airson earrann nam filmichean fhosgladh. Tagh bhidio a' cleachdadh na trÏ putain dathte. |