
Notaichean Phàrant
Tha ceithir gnìomhan eachdraidh air an làrach. Tha an làrach ag innse sgeòil dhaoine a rinn imrich tron 19mh agus an 20mh linn agus a' leigeil le clann an sgeulachdan agus am mapaichean fhèin a chruthachadh. Tha an goireas ag amas air clann anns na h-àrd ìrean den bhun-sgoile agus anns a' chiad agus an dàrna bliadhna den Àrd-sgoil.
'S iad na ceithir gnìomhan:
Sgeulachdan Imrich(Leabhraichean-latha)
Leugh dusan leabhar-latha uirsgeulach de sgeòil beatha chlann bhon 19mh agus an 20mh linn. Le dealbhan eachdraidheil agus taic fuaim.

Cruthaich Leabhar-latha
Tha cothrom san earrainn seo ath-dheasachadh a dhèanamh air na tha sgrìobhte anns na Sgeulachdan Imrich, no leabhar-latha a sgrìobhadh bho thùs.

Mapaichean
Air na mapaichean, den t-saoghail agus den Rìoghachd Aonaichte, tha stòr-data de fhiosrachadh mu imrichean a Bhreatainn agus à Breatainn tron 19mh agus an 20mh Linn.

Cruthaich Map
Cruthaich mapa imrich bhod fhiosrachadh siubhail fhèin.

Fuaim agus Teacsa
Faodaidh luchd-cleachdaidh cliogadh air a' phutan, Roghainnean, airson:
• teacsa an sgrion a chluinntinn ga leughadh a-mach
• fo-thiotalan fhaighinn air a' chuid mhòr den shusbaint
• teacsa an sgrion ath-mheudachadh is atharrachadh a dhèanamh air an teacsa is air na dathan cùil.
Chan fhaighear gu na roghainnean fhad 's a tha thu san earrainn fiosrachaidh dha pàrantan is tidsearan.
Sgeulachdan Imrich
Tro sgeulachdan imrich an dusan leabhar-latha, gheibhear thar-sealladh air dòighean-beatha diofar dhaoine anns an dùthaich seo agus thall-thairis aig deireadh an 19mh agus toiseach an 20mh linn. Tha na leabhraichean-latha uirsgeulach ach stèidhichte air tachartasan fìor.
Tha na prìomh chuspairean air a bheil na diofar daoine ag aithris air am mìneachadh anns a' chlàr seo. Dh'fhaodadh gum biodh seo na chuideachadh airson beagan còmhradh a dhèanamh.

'S iad an dusan leabhar-latha:
| Leabhar-latha | Gluasad | Bliadhna | Adhbhar | Cuspairean Còmhraidh |
| Ceit O'Loughlin | Èirinn gu Liverpool | 1846 | A' teiche o bhochdainn | • Cor beòshlaint • Tinneasan agus am buaidh air teaghlaichean • Am bàs • Obair |
| Dòmhnall MacDhaibhidh | Alba gu Canada | 1856 | Fuadach nan Gàidheal | • Duilgheadasan obrach • Fuadach nan Gàidheal • Beachdan na h-eaglais • Obair bàillidh • Dòighean siubhail a Chanada • Tinneasan - Cholera, fiabhras • Eadar-dhealachaidhean eadar dà dhùthaich |
| Emma Habershaw | Acton, Sasainn gu Manchester, Sasainn | 1875 | A' sireadh beatha nas fheàrr | • Cor beòshlaint • Tinneasan agus am buaidh air teaghlaichean • Leigheasan lusragach • Am bàs • Glainnead • Obair muilne |
| Molly NicNeacail | An t-Eilean Sgitheanach gu Glaschu | 1882 | Cruadal eacanomaigeach | • Cor beòshlaint • Sàbaid • Coimeas eadar eilean agus baile-mòr |
| Edward Isaac | Redruth, A' Chòrn gu Boldon, Ear-thuath Shasainn | 1890 | Airson beòshlaint nas fheàrr | • Tràilleachd - deoch, ceàrrachas • Sabaid • Far-ainmean (mì-thlachdmhor) • Creideamh |
| Angelo Giovannini | An Eadailt gu Alba | 1898 | A' teiche o sheann dòigh-beatha chruaidh gu àite far am faighte cothroman ùra. | • Obraichean • Uachdaran • Siubhal |
| Mair Jones | Rhostryfan, A' Chuimrigh gu Chicago, Ameireaga | 1903 | A' sireadh beatha nas fheàrr | • Bochdainn • Am bàs • Còirichean • Glainnead • Siubhal • A' toiseachadh às ùr |
| Aaron Rosenfeld | Ucràine gu Sasainn | 1908 | A' teiche bho geur-leanmhainn | • Teaghlach • Cor beòshlaint • Biadh • Creideamh • Cànan, gnàthasan-cainnt is samhlaidhean • Slàinte • Siubhal |
| Mìcheal Conlon | Èirinn gu New York | 1909 | A' sireadh beatha nas fheàrr | • Teaghlach • Cor beòshlaint • Siubhal • Obair |
| Eileen Finn | Liverpool gu Aberystwyth | 1939 | Cunnart bho bhomaichean | • An dara cogadh • Siubhal • Beatha air an dùthaich |
| Freda Buckingham | Sasainn gu Astràilia | 1952 | Eacanomaigeach - a' gluasad airson dòigh-beatha nas fheàrr | • Cor beòshlaint • Còirichean dhaoine • Siubhal • Slàinte • Àrainneachd diofar dhùthchannan |
| Awaale Samakab | Somàlia gu Cardiff, A' Chuimrigh | 1990 | A' teiche o chogadh Nota: Tha dealbh de ghunna air an dàrna duilleig de leabhar-latha Awaale Samakab. | • Dòigh beatha ann an Somàlia • Gunnaichean • Cunnartan - daoine, beathaichean • Crèideamh • A' ruith air falbh (à dùthaich) • Campaichean fògarraich |
Stiùireadh
Anns an earrainn Sgeulachdan-Imrich, brùth air leabhar-latha. Tha an taghadh ann a dhol seachad air a' bhidio tòiseachaidh agus a dhol dìreach chun leabhar-latha.
Cliog air ìomhaigh a' mhapa gus fiosrachadh mu imrich an leanaibh leis a bheil an leabhar-latha fhaicinn. Cliog air an leabhar-latha airson an sgeòil a leughadh.
Tha teacsa an leabhar-latha ri chluinntinn ga leughadh a-mach ach faodar am fuaim a chur dheth le bhith a' brùthadh a' phutain Fuaim dheth.
Cuir dealbh ri duilleag san leabhar-latha le bhith a' cliogadh air fear de na trì dealbhan air taobh deas na sgrion agus ga shlaodadh dhan bheàrn.
Tha mìneachadh sgrìobhte agus faidhle fuaim goirid ag innse mu gach dealbh. Gheibhear seo le bhith a' suathadh na luchaig thairis air an dealbh.
Cliog air an t-saighead uaine airson duilleag a thionndadh.
Cruthaich Leabhar-latha
Cruthaich do leabhar-latha fhèin le bhith a' deasachadh an teacsa a th' ann an leabhar-latha stèidhichte no tro leabhar-latha ùr a chruthachadh às ùr. Cleachd na dealbhan a th' anns na leabhraichean-latha eile airson do leabhar-latha fhèin a sgeadachadh no clò-bhuail an duilleag agus dèan do dhealbh fhèin.

Deasaich Leabhar-latha
Airson leabhar-latha stèidhichte a dheasachadh, theirig chun earrainn Cruthaich Leabhar-latha. Cleachd na saigheadan geala gus gluasasd tro na diofar leabhraichean-latha. Cliog an saighead uaine gus fear a thaghadh airson a dheasachadh.
Faodar an t-ainm air còmhdach an leabhair atharrachadh agus an teacsa a tha na bhroinn. Gus dealbh air duilleag atharrachadh, brùth Tagh Ìomhaigh. Tha na dealbhan a tha rim faotainn ann am buidhnean a rèir an leabhair-latha bhon tàinig iad.
Cruthaich leabhar-latha ùr
Airson leabhar-latha ùr a chruthachadh, theirig gun earrainn Cruthaich Leabhar-latha agus cliog air fear den dà leabhar-latha air taobh deas na duilleige. Taidhp ainm air a' chòmhdach agus sgrìobh teacsa airson na duilleagan a lìonadh. Cleachd am putan Tagh Ìomhaigh airson dealbh a thaghadh a thèid air an duilleig dheis.
Nuair a tha thu deiseil, cliog Seall airson an leabhar-latha ùr fhaicinn. Cliog air an ìomhaigh, clò-bhuail airson an leabhar-latha a chlò-bhualadh. Thèid a chlò-bhuaileadh aig meud mòr gu leòr gus duilleag slàn a lìonadh.
Mapaichean
Tha na mapaichean anns a' ghnìomh seo a' sealltainn imrichean a ghabh àite tron 19mh agus an 20mh linn. Tha mapa an t-Saoghail a' sealltainn imrichean gu agus à Breatainn agus Èirinn eadar 1820 agus 1980. Tha imrichean taobh a-staigh Bhreatainn air an sealltainn air Mapa na Rìoghachd Aonaichte. Tha dealbhan eachdraideil agus criomagan film an cois an fhiosrachaidh mu gach imrich.

Cleachd na putain Mapa an t-Saoghail agus Mapa na RA anns an oisean chlì aig bàrr an sgrion gus gluasad eadar an dà map.
Gluais bho imrichean a Bhreatainn agus imrichean à Breatainn le bhith a' cleachdadh nam putan A' fàgail na RA agus Chun RA a th' anns an oisean dheas aig bàrr an sgrion. Cliog air na saigheadan gorma fon mhap airson gluasad tro dheicheadan air an loidhne-tìm bho 1820 gu 1980.
Tha am pannal a nochdas os cionn na loidhne-tìm a' toirt seachad fiosrachadh air tachartasan saoghail agus imrichean a ghabh àite tron deichead sin. Cliog air an t-saighead ghil air cùl dearg gus an fhiosrachadh seo a leughadh. Seall ri barrachd air aon tachartas le bhith a' cleachdadh nan saigheadan sa phannal a tha geal air cùl gorm.
Tha gach saighead dhearg air a' mhap a' riochdachadh imrich. Tha saighead dhearg le loidhnichean geala a' sealltainn gu robh barrachd air aon imrich ann an uairsin.
Cliog air saighead dhearg airson pannal a leughadh a tha ag innse na leanas mu gach imrich:
• Càite & Cuin?
• Cò?
• Ciamar?
• Carson?
Cuideachadh
Am measg an fhiosrachaidh mun imrich, tha dealbhan eachdraidheil agus criomagan film. Cliog Cuideachadh airson fiosrachadh mun earrainn den gnìomh anns a bheil thu. Ma chliogas tu Ciamar thèid do thoirt tro iomadach ceum a tha a' sealltainn mar a chleachdar an gnìomh.
Cruthaich Map
Cothrom don leanabh mapa a chruthachadh a' sealltainn fiosrachadh mu thuras a ghabh iad fhèin.

Freagair na ceistean a leanas mu do thuras:
1. Cuin a ghabh do thuras àite?
2. A bheil pàirt sam bith den turas agad taobh a-muigh na Rìoghachd Aonaichte?
3. Càite a bheil do thuras a' tòiseachadh?
4. Càite a bheil do thuras a' crìochnachadh?
5. Co air a bhathar a' siubhal?
6. Cò shiubhail air an turas?
7. Carson a bhathar a' siubhal?
Suidhich puingean tòiseachaidh agus crìochnachaidh do thurais air a' mhapa le bhith a' tarraing gach ceann den loidhne dheirg dhan àite.
Cliog Do mhapa gus do mhap fhaicinn. Cliog air an t-saighead dheirg airson pannal fiosrachaidh do thuras fhaicinn.
Cuir imrich eile ris a' mhap le bhith a' cliogadh Cuir Imrich Eile Ris.
Cliog Clò-bhuail airson do mhapa a chlò-bhualadh an dara chuid ann an dath no ann an dubh is geal.