Tro sgeulachdan imrich an dusan leabhar-latha, gheibhear thar-sealladh air dòighean-beatha diofar dhaoine anns an dùthaich seo agus thall-thairis aig deireadh an 19mh agus toiseach an 20mh linn. Tha na leabhraichean-latha uirsgeulach ach stèidhichte air tachartasan fìor.
Tha na prìomh chuspairean air a bheil na diofar daoine ag aithris air am mìneachadh anns a' chlà r seo. Dh'fhaodadh gum biodh seo na chuideachadh airson beagan còmhradh a dhèanamh.

'S iad an dusan leabhar-latha:
| Leabhar-latha | Gluasad | Bliadhna | Adhbhar | Cuspairean Còmhraidh |
| Ceit O'Loughlin | Èirinn gu Liverpool | 1846 | A' teiche o bhochdainn | • Cor beòshlaint • Tinneasan agus am buaidh air teaghlaichean • Am bàs • Obair |
| Dòmhnall MacDhaibhidh | Alba gu Canada | 1856 | Fuadach nan Gà idheal | • Duilgheadasan obrach • Fuadach nan Gà idheal • Beachdan na h-eaglais • Obair bà illidh • Dòighean siubhail a Chanada • Tinneasan - Cholera, fiabhras • Eadar-dhealachaidhean eadar dà dhùthaich |
| Emma Habershaw | Acton, Sasainn gu Manchester, Sasainn | 1875 | A' sireadh beatha nas fheà rr | • Cor beòshlaint • Tinneasan agus am buaidh air teaghlaichean • Leigheasan lusragach • Am bàs • Glainnead • Obair muilne |
| Molly NicNeacail | An t-Eilean Sgitheanach gu Glaschu | 1882 | Cruadal eacanomaigeach | • Cor beòshlaint • Sà baid • Coimeas eadar eilean agus baile-mòr |
| Edward Isaac | Redruth, A' Chòrn gu Boldon, Ear-thuath Shasainn | 1890 | Airson beòshlaint nas fheà rr | • Trà illeachd - deoch, ceà rrachas • Sabaid • Far-ainmean (mì-thlachdmhor) • Creideamh |
| Angelo Giovannini | An Eadailt gu Alba | 1898 | A' teiche o sheann dòigh-beatha chruaidh gu à ite far am faighte cothroman ùra. | • Obraichean • Uachdaran • Siubhal |
| Mair Jones | Rhostryfan, A' Chuimrigh gu Chicago, Ameireaga | 1903 | A' sireadh beatha nas fheà rr | • Bochdainn • Am bàs • Còirichean • Glainnead • Siubhal • A' toiseachadh às ùr |
| Aaron Rosenfeld | Ucrà ine gu Sasainn | 1908 | A' teiche bho geur-leanmhainn | • Teaghlach • Cor beòshlaint • Biadh • Creideamh • Cà nan, gnà thasan-cainnt is samhlaidhean • Slà inte • Siubhal |
| Mìcheal Conlon | Èirinn gu New York | 1909 | A' sireadh beatha nas fheà rr | • Teaghlach • Cor beòshlaint • Siubhal • Obair |
| Eileen Finn | Liverpool gu Aberystwyth | 1939 | Cunnart bho bhomaichean | • An dara cogadh • Siubhal • Beatha air an dùthaich |
| Freda Buckingham | Sasainn gu Astrà ilia | 1952 | Eacanomaigeach - a' gluasad airson dòigh-beatha nas fheà rr | • Cor beòshlaint • Còirichean dhaoine • Siubhal • Slà inte • Àrainneachd diofar dhùthchannan |
| Awaale Samakab | Somà lia gu Cardiff, A' Chuimrigh | 1990 | A' teiche o chogadh Nota: Tha dealbh de ghunna air an dà rna duilleig de leabhar-latha Awaale Samakab. | • Dòigh beatha ann an Somà lia • Gunnaichean • Cunnartan - daoine, beathaichean • Crèideamh • A' ruith air falbh (à dùthaich) • Campaichean fògarraich |
Stiùireadh
Anns an earrainn Sgeulachdan-Imrich, brùth air leabhar-latha. Tha an taghadh ann a dhol seachad air a' bhidio tòiseachaidh agus a dhol dìreach chun leabhar-latha.
Cliog air ìomhaigh a' mhapa gus fiosrachadh mu imrich an leanaibh leis a bheil an leabhar-latha fhaicinn. Cliog air an leabhar-latha airson an sgeòil a leughadh.
Tha teacsa an leabhar-latha ri chluinntinn ga leughadh a-mach ach faodar am fuaim a chur dheth le bhith a' brùthadh a' phutain Fuaim dheth.
Cuir dealbh ri duilleag san leabhar-latha le bhith a' cliogadh air fear de na trì dealbhan air taobh deas na sgrion agus ga shlaodadh dhan bheà rn.
Tha mìneachadh sgrìobhte agus faidhle fuaim goirid ag innse mu gach dealbh. Gheibhear seo le bhith a' suathadh na luchaig thairis air an dealbh.
Cliog air an t-saighead uaine airson duilleag a thionndadh.