[an error occurred while processing this directive]
Tha an duilleag seo, a tha ag amas air pà rantan agus tidsearan, a' toirt ro-rà dh goirid air na là raich-lìn co-cheangailte ri foghlam a th' aig BBC ALBA dha clann ann am foghlam tro mheadhan na Gà idhlig.

Tha an là rach seo a' thoirt cothrom do chloinn aig trà th-ìrean eòlas a chur air fuaimean na Gà idhlig agus litrichean na h-aibidil agus an cà irdeas eatorra. Tro chur-seachadan fuaimneach, tarraingeach, gheibh na sgoilearan òga taic ann a bhith ag ionnsachadh mu na prionnsabail cà nain a th' anns an sgeama teagasg Facal is Fuaim.
Chaidh Seall a dhealbh do chlann eadar 3-6, a' toirt dhaibh cothrom suidheachaidhean air a bheil iad eòlach a rannsachadh agus taghaidhean a dhèanamh. Faodar cluich le builgeanan, sùil nas fhaisge a thoirt air rudan, èisteachd ri ceòl is sgeulachdan agus toirt air pupaidean dannsa.
Thig a choinneachadh ri creutairean dòigheil na coille is lorg sgeulachdan, rannan agus òrain. Là rach-lìn dha clann ann am Foghlam tro Mheadhan na Gà idhlig agus don fheadhainn a tha cur eòlas air Gà idhlig tro GLPS.
Air là rach An-diugh 's An-dè tha trì gnìomhan air cuspair eachdraidh do chlann sna trà th ìrean den bhun-sgoil. Tha dà ghnìomh stèidhichte air beatha agus fèin-fhiosrachadh an leanaibh agus an treas tè a' toirt a' chothroim dhaibh a dhol air ais ann an tìm gu uaimh ann an Linn na Cloiche.
Tha an là rach seo ag amas air clann òg a tha ag obair a dh'ionnsaigh a' chiad ìre den Churraicealam airson Sà r-mhathais. Tha geammanan à ireamh na là raich stèidhichte air trì geamannan rannsachaidh: cunnt air ais agus air adhart air an loidhne-à ireimh cuide ris a' Choineanach; lìon soitheach-fà nais leis an aireamh cheart de Smeabalan cuide ri Sionnach; rèitich na Sgogain le taic bho Eun gus an cuir tro na dorsan agus air adhart gu rùm an ionmhais.

Tha Baile Mhuilinn air a dhealbh dha sgoilearan aois 5-7. Cuidichidh e le sgrìobhadh is leughadh ionnsachadh oir tha gach prògram stèidhichte air fuaim sònraichte.
Siubhail tro na speuran san Rocaid gus stòiridhean, òrain agus geamannan a lorg. Cliog air an rocaid gus na diofar roinnean a ruighinn.
Tha an là rach seo ag amas air eòlas, tuigse agus briathrachas mu fhòrsaichean a bhrosnachadh ann an clann òga, ag obair a dh'ionnsaigh na trà th ìre agus a' chiad ìre den Churraicealam airson Sà r-mhathais. Dh'fhaodadh gum biodh cothroman stuth na là raich a cheangal ri cuspairean eile sa Churraicealam cuideachd. Bheir Soircas nan Deargannan cothrom do chluicheadairean fòrsaichean fhaicinn ag obair. Gheibh iad cuideachd air cluich le uidheamachd soircais leithid trampoilean, dreallag, canan agus paidh chustard.

'S e suaimhneas ìnntinn agus slà inte shòisealta prìomh chuspair na là raich, is tha e ag amas air ìre A gu D. Coinnichidh na sgoilearan ri suidhichidhean eadar-dhealaichte a bhios freagarrach airson na h-ìre aig a bheil iad.

Tha an là rach seo, ag amas air clann-sgoile air clas 4/5, a' cuideachadh ann a bhith a' faighinn eòlas air cruthan-tìre trì diofar cheà rnaidhean de dh'Alba. Anns an earrainn as ùire cuiridh iad eòlas air A' Mhonadh Dheasach.

Cuidichidh Ioma-rud I sgoilearan aois 7-9 bliadhna le Sgrìobhadh Mac-meanmnach. Tha Ioma-rud II a' toirt taic do sgoilearan a' thaobh Sgrìobhadh Pearsanta agus Gnìomhachail aig ìre B/C.

Sa bhliadhna 1850 thà inig grunn thaighean cloiche ann am Bà gh Skaill an Arcaibh am bà rr, às dèidh do fhìor dhroch stoirm a ghainmheach a bha ga còmhdachadh a shèideadh air falbh. Le taic bho ghnìomhan, bhidiothan, teacsa agus fuaim, bheir là rach-lìn Skara Brae seo sealladh dhut air an t-seòrsa beatha a bh' aig daoine a bha beò trà th ann an eachdraidh.
Còig geamannan do chloinn aois 7-11 gus barrachd tuigse a thoirt air à ite agus buaidh creideimh. 'S ann air Crìosdaidheachd a tha am prìomh fòcas, le fiosrachadh bho Bhuddhachd, Islam, Iùdhachd, Hindùthachd agus sealladh saoghalta cuideachd.
Tha an là rach seo ag amas air eòlas, tuigse agus briathrachas Saidheans a bhrosnachadh do chlann òga, ag obair a dh'ionnsaigh a' chiad is an dara h-ìre den Churraicealam airson Sà r-mhathais. Dh'fhaodadh gum biodh cothroman stuth na là raich a cheangal ri cuspairean eile sa Churraicealam cuideachd.
Tha an là rach seo ag amas air clann òga a tha ag obair a dh'ionnsaigh a' chiad is an dara ìre den Churraicealam airson Sà r-mhathais ged a tha cuid de na bhidiothan freagarrach airson na treas ìre cuideachd. A bharrachd air an seo, dh'fhaodadh cothroman a bhith ann son luchd-ionnsachaidh na h-à rd sgoile an sgilean Gà idhlig a leasachadh. Tha fiosrachadh na là raich stèidhchte air sia cuspairean farsaing: Còmhdhail, Ath-chuairteachadh, Tuineachadh, Biadh, Turasachd agus Crìochan.

Tha an là rach seo a' toirt cothrom do sgoilearan nuadh-cheòl Alba a rannsachadh ann an dòigh a tha ùr agus eadar-ghnìomhach. Tha e a' còrdadh ris a' chloinn a bhith ag ionnsachadh san dòigh seo agus tha iad a' leasachadh eòlas is tuigse agus sgilean rannsachaidh tro Theicneòlas Fiosrachaidh. Gheibh sgoilearan cothrom air fiosrachadh a chur ris an eòlas a th' aca air dualchas ciùil agus dh'fhaodadh gun cuidich e iad gu bhith a' leasachadh am beachdan air na cùisean sin nam fèin-aithne nà iseanta.
'S e goireas airson Cuspairean Sòisealta, a tha a' cuimseachadh air Eachdraidh, a th' ann an Clann an latha an-dè. Tha còig dìomhaireachdan rim fuasgladh. Tha iad suidhichte ann an Linntean Bhictoria is Eideirt, à m an Dara Cogaidh agus san latha an-diugh.
Tha muinntir a' bhaile a' cur feum air do chuideachadh! Tha sia geamannan is gnìomhan anns Na Saoranaich. 'S e an dùbhlan a bhith a' fuasgladh duilgheadasan na coimhearsnachd sa bhaile robach seo. Tha bhideothan goirid ann cuideachd a' sealltainn pròiseactan fìor a tha gan gabhail os là imh ann an sgoiltean air feadh Bhreatainn agus a tha a' toirt fiosrachadh is brosnachadh dha sgoilearan.

Dè tha saoranachd a' ciallachadh? Bheir an là raich seo sùil air deamocrasaidh - mar a dh'fhaodas sinn tighinn gu co-dhùnaidhean agus a' bhuaidh a dh'fhaodas a bhith aig ar co-dhùnaidhean air daoine eile. Tha an là rach ag amas air clas 6/7.
Tha trì gnìomhan eachdraidh ann an A' Sgrùdadh Sgeòil, far a bheil cothroman freagarrach dha sgoilearan a tha ag obair a dh'ionnsaigh a' chiad agus an dà rna ìre den Churraicealam airson Sà r-mhathais. Tha gach gnìomh a' brosnachadh an neach-cleachdaidh gu bhith a' toirt sùil mu thimcheall agus a' rannsachadh na tha de bheairteas eachdraidh air an stairsich.

Tha an là rach seo mu linn nam Fuadaichean ann an Alba. 'S e goireas ionnsachaidh eadar-ghnìomhach a tha seo, is tha e ag amas air clas 6/7, no aoisean 10-12.

Tha an là rach-lìn seo ag amas air luchd-ionnsachaidh a bhrosnachadh gus sgrùdadh a dhèanamh air bun fhiosrachadh agus an uair sin breithneachadh air na co-dhùnaidhean a b' fheà rr ann an suidheachaidhean à raidh. Dh'fhaodhadh an là rach a bhith cuideachail do dhaoine òga anns a' bhun-sgoil agus anns an à rd sgoil a rèir an fhiosrachaidh tha dhìth orra no nan sgilean a thathar airson leudachadh.
Tha ceithir gnìomhan eachdraidh air an là rach. Tha an là rach ag innse sgeòil dhaoine a rinn imrich tron 19mh agus an 20mh linn agus a' leigeil le clann an sgeulachdan agus am mapaichean fhèin a chruthachadh. Tha an goireas ag amas air clann anns na h-à rd ìrean den bhun-sgoile agus anns a' chiad agus an dà rna bliadhna den Àrd-sgoil.

'S e an leabhar-là a' chiad earrann de là rach-lìn Sealladh air Sìona. Lean an sgioba riochdachaidh 's iad a' mìneachadh dè dìreach an obair a tha co-cheangailte ri prògram tbh, radio agus là rach-lìn mu Shìona a chruthachadh. Anns an dà rna pà irt den là rach faic cuid de na prògraman a chaidh fhilmeadh ann an Sìona. Ann an earrann Sìona Ag Atharrachadh, leugh mu cuspairean a tha cudromach anns an dùthaich an-diugh.

Air an là raich-lìn seo tha iomadh slighe a dh'ionnsaigh a' chinn-uidhe is iomadh cnap-starra às an rathad. Le geamannan mu phuingean grà mar is gnathasan cainnte.
'S e là rach Saidheans a th' ann an Axon a tha ag amas air sgoilearan ag obair a dh'ionnsaigh an 3mh agus 4mh Ìrean de Churraicealam airson Sà r-mhathais. Air a' là raich, tha gnìomhan Saidheans agus drà ma Gà idhlig (90 mionaid) ann an 6 pà irtean.
'S e sgilean Gà idhlig a leasachadh amas na là raich seo. Tha i gu sònraichte ag amas air luchd-ionnsachaidh na Gà idhlig, ag obair a dh'ionnsaigh an dà rna is an treas ìre den Churraicealam airson Sà r-mhathais. Is ann tro chuspair Ionad nan Cur-seachadan a tha fiosrachadh na là raich stèidhichte agus tro na prìomh charactaran: Finn, Eilidh agus Ceit.

Là rach a tha a' toirt mìneachadh agus fiosrachadh seachad mu bheatha agus bà rdachd is bà ird Ghà idhlig an 18mh, 19mh is 20mh linn. Mu choinneimh gach bà rd, gheibh sibh measgachadh de theacsa, bhidio is fuaim a bheir deagh shealladh air an cuid-obrach - feumail do sgoilearan is inbhich le chèile.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.