Mun Ă m seo an-uiridh dh'iarr BBC GĂ idhlig air Jo NicDhòmhnaill trĂŹ cheud 's a trĂŹ-deug òran a thaghadh airson Ăran an LĂ , a bha gu bhith mar phĂ irt de Bhliadhna nan Ăran.
Ciamar a thaghas tu dÏreach beagan is còrr air trÏ cheud òran a-mach às na mÏltean a th' againn ann an Gà idhlig?
Thuirt Jo, "Chan eil e air a bhith furasta, ach rinn mi oidhirp air òrain a thaghadh às gach à ite; òrain de gach seòrsa bho òrain mhòra gu tà laidhean is òrain bleoghainn, duain is dà in spioradail, òrain gaoil is òrain molaidh, laoidhean, corra aoir, puirt-à -beul, òrain aotrom èibhinn, òrain mu ghrà dh-dÚthcha is cianalas, marbhrannan is cumhaichean, òrain a rinneadh le na bà ird as ainmeil a bha as gach linn, agus òrain a rinneadh le maraichean is mnathan luaidh.
'S tha e nise doirbh a chreidsinn gu bheil an taghadh dèanta."
Rugadh agus thogadh Art anns an Eilean Sgitheanach far a bheil e fhathast a' fuireach, ann am Port RÏgh, còmhla ri a bhean, Shona, agus an triÚir chloinne, Ruaraidh, Eilidh agus Iain.
Thòisich e a' seinn nuair a bha e mu ochd bliadhna a dh'aois, agus choisinn e Bonn Ăr a' Chomuinn GhĂ idhealaich nuair nach robh e ach 18, am fireannach a b' òige a-riamh a choisinn an duais seo.
Tha e air grunn chlà ir a dhèanamh, a' seinn leis fhèin agus a' seinn le còmhlain leithid Mac-talla agus Cliar.
Ged a tha e a' seinn cho tric agus is urrainn dha, tha e trang le obair-latha. Mar à rd neach-stiÚiridh Fèisean nan Gà idheal, tha aige fhèin agus a luchd-obrach ri mu 45 Fèis, a' teagasg mu 13,000 duine òg gach bliadhna, a fhrithealadh.
Am measg nam buidhnean eile anns a bheil e an sĂ s, 's esan aon den cheathrar a chuir an companaidh Macmeanmna air chois, agus bha e na Chathraiche fad 14 bliadhna air Ăros Ltd, an companaidh a thog agus a tha a' ruith ionad-ealain Phort RĂŹgh.
Tha e air a bhith na Chathraiche air Bòrd na Gà idhlig bhon Ghearran 2009 agus na bhall den Bhòrd bho chaidh a chruthachadh ann an 2003.
B' e miseanaraidh san Eaglais Shaor a bh' ann an athair Mhaoilios agus ri linn sin, chuir e seachad òige ann an iomadh à ite, nam measg An t-Eilean Sgitheanach, Leòdhas agus Siorrachd Inbhir Nis.
Chaidh e dhan Chabhlach Mharsantach nuair a bha e 16 bliadhna agus thug sin dha an cothrom mòran dhĂšthchannan den t-saoghal fhaicinn. Bha Maoilios còrr air 26 bliadhna mus do dh'ionnsaich e sgrĂŹobhadh ann an GĂ idhlig (ged a bha e air lĂ n chomais a bruidhinn 's a leughadh), agus bha e còrr is 30 bliadhna nuair a cheumnaich e Ă Oilthigh DhĂšn Ăideann is Colaiste Chnoc Iordain 's a chaidh e a theagaisg GĂ idhlig. Bha e a' teagaisg ann an Ărd-sgoil Thobar Mhoire ann am Muile agus an uair sin ann an GeĂ rrloch.
Tha 6 leabhraichean den bhĂ rdachd aig Maoilios air fhoillseachadh: Eileanan (1980), Bailtean (1987), A' CĂ radh an Rathaid (1988), A' Gabhail Ris (1994), Saoghal Ăr (2002) agus am fear as Ăšire, Breac a' Mhuiltein (2007), cruinneachadh den bhĂ rdachd aige bho 1974, le eadar-theangachadh gu Gaeilge na h-Ăireann.
A bharrachd air bĂ rdachd, tha Maoilios cuideachd aithnichte airson a bhith a' sgrĂŹobhadh rosg agus nobhailean do chlann agus deugairean, nam measg Clann a' Phroifeasair (1988) agus Iain agus na Drogaichean (1993).
Tha e air iomadh duais a chosnadh airson sgrÏobhadh, agus tha aithne air a chuid sgrÏobhaidhean gu h-eadar-nà iseanta agus ann an Alba. Choisinn e CrÚn a' Chomuinn Ghà idhealaich ann an 2002 agus 's e SgrÏobhadair Ionad Nà iseanta na Gà idhlig agus a Cultair, Sabhal Mòr Ostaig, airson a' bhliadhna 2008.
Leig Maoilios dheth a dhreuchd gu h-oifigeil ann an 2005 ach bidh e fhathast a' sgrĂŹobhadh 's a' teagaisg. Tha e an-diugh a' fuireach san Eilean Sgitheanach.
Chan eil seinneadair 's iongantach aig a bheil Úidh ann an òrain Ghà idhlig nach eil eòlach air an ainm aig Mòrag NicLeòid à Scalpaigh na Hearadh.
Rugadh i air 12 DĂ mhair, 1936, agus chaidh i don sgoil ann an Scalpaigh mus deach i do dh'Acadamaidh RĂŹoghail Inbhir Nis. Ged a cheumnaich i Ă Oilthigh DhĂšn Ăideann ann an 1963, agus ged a fhuair i teisteanas airson teagasg GĂ idhlig agus Bun-sgoil Ă Colaisde Chnoc Iòrdan, 's e an obair anns an robh i an sĂ s fad iomadh bliadhna ann an Sgoil Eòlais na h-Alba a dh'fhĂ g i cho fĂŹor fhiosrach mu òrain, mu eachdraidh agus mu dhualchas.
Fhuair i a' chiad obair anns an Sgoil ann an 1962 agus a bharrachd air naoi mÏosan ann an 1974/75 a' teagasg an Colaisde Chnoc Iòrdan agus trÏ bliadhna ag obair aig Pròiseact Coimhearsnachd Van Leer anns na h-Eileanan an Iar, sin far an robh i gus na leig i dhith a dreuchd.
Rinn Mòrag mòran airson fiosrachadh mu òrain agus mu dhualchas a sgaoileadh gu daoine taobh a-muigh an oilthigh, tro bhith a' teagasg aig sgoiltean samhraidh agus aig deireadh sheachdainean ann an iomadh à ite. 'S iomadh òraid a rinn i aig Mòdan agus Fèisean agus tha artaigilean leatha rin lorg ann an leabhraichean agus irisean.
Cha ghabh inneas a dhèanamh air an iomadh seòrsa taic a thug i do sheinneadairean thairis air iomadh bliadhna - nam biodh iad airson òran ionnsachadh, pà irt a ghabhail ann am farpais, no clà r a dhèanamh.
Ged a tha i air a dreuchd san Sgoil a leigeil dhith, chan eil i na tà mh. Tha i air ais a' fuireach ann an Scalpaigh agus gu mòr an lÚib coimhearsnachd an eilein.
Copyright Š 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lÏn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lÏn nas Úire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lÏn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as Úire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.