Òran air a sgrìobhadh le: Aonghas Caimbeul (Am Bocsair) agus air a sheinn le: Dolaidh Moireach.
This is a song written by: Aonghas Caimbeul (Am Bocsair) and sung by: Dolaidh Moireach.
Thì a chruthaich na sùilean
A chitheadh an smùirnean an cà ch,
O rùisg dhiubh na lannan
A chum mi an cadal a' bhà is;
'S gu faicinn le aithne
Glòir iomlan is maise m' Fhir-Grà idh,
A thug fradharc don dall
Agus solas air gleann na sgà il.
Thì a chruthaich na bilean
A labhradh cho neimheil is faoin,
Na dùnadh am bàs iad
Gus an innsinn do chà ch mu do chliù;
'S an teanga tha neoghlan
Gu seinneadh i òran às ùr,
Nach teirig gu brà th
'S nach cuir glasan a' bhà is air chùl.
Thì a chruthaich na cluasan
A dh'èisteadh gach tuaileas is gò,
Nach fhosgail thu suas iad
'S gun cluinneadh iad suairceas do sgeòil,
Guth subhachais 's aoibhneis,
Guth carthannach, coibhneil do bheòil;
Èigh air an ainm iad -
O dùisg o na mairbh is bi beò.
Thì a chruthaich an cridhe
Bha brùideil na shlighean gu lèir,
Nach iompaich thu nis e
Gus am faic e grinneas do sgèimh.
'S ged theich e cian fada,
O, tarraing e fagas nad dhèidh,
Is cùm e ri faire
A' feitheamh 's a' faire riut fhèin.
O cuir mi san à ireamh
Bhios agad air deà rnaibh do là imh;
A chitheadh 's a chluinneadh
'S a chreideadh 's a thuigeadh do ghrà dh;
'S ged shèideadh orr' stoirmean
Is onfhadh an dearbhaidh gun crà dh,
Mar òr agus airgead
Gun glan thu an cearban led shlà int'.
Am bàs dhaibh cha bhàs e,
An uaigh cha bhi là idir gu leòr;
An corp a bha truaillidh
Gun èirich e suas ann an glòir
Le saorsa bhios sìorraidh
On t-saoghal, an diabhal 's an fheòil,
Gun smal air an trusgan
A nigh iad am fuil an Fhir-Phòst'.
Rugadh Dòmhnall Moireach, Dolaidh Chalum Mhurchaidh Ruaidh à Dail bho Dheas ann an Nis, Leòdhas san Dà mhar 1929. Bha athair, Calum bho Àireamh 14 ...
Fiosrachadh air Dolaidh Moireach / Learn more about Dolaidh MoireachCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.