Rugadh Aonghas Caimbeul, mac Alasdair Mhurchaidh Ăig Ă Suaineabost, air 3 Sultain 1908, ann an Nis, Leòdhas. Bha e na b' òige na a bhrĂ thair, air an robh an t-ainm Aonghas cuideachd agus am far-ainm, Am Puilean.
Anns an ro-rĂ dh a sgrĂŹobh Am Puilean don leabhar as a bheil bĂ rdachd a bhrĂ thair air fhoillseachadh, tha e ag rĂ dh:
"Thug iad Am Bocsair air na bhalach òg an Sgoil Chrois, air sgà th gu robh e sgileil agus cruaidh air sabaid dhòrn am measg a chomhaoisean."
B' e miseanaraidh san Eaglais Shaor a bha na athair agus ghluais an teaghlach gu BeĂ rnaraigh na Hearadh nuair a bha e 10. Bha iad an sin bho 1918 gu 1926 agus cha do chaill e riamh an ceangal a bha aige ris an eilean agus ri muinntir BheĂ rnaraigh:
B' e 'n tlachd dom shĂšil bhith tĂ mh ann
An Ă m an fhoghair chĂ ilear
'S na h-iomairean fo bhà rr-bhuidhe òr-dhait';
Bidh corc is eòrna fàs ann
Gu crothach, torrach, Ă illidh,
'S bà rr-guc air a' bhuntà ta cho glòrmhor.
Is grinn na lochan sĂ mhach
Fraoch bagaideach cur sgĂ il orr'
'S na bric a' faighinn tà mhachd nan òban;
Nad inntinn cinnidh mĂ nran
Ag amharc air an sĂ r mhais
Nan toireadh aoidh air nà dar dhut sòlas.
Tha 'n sluagh ro-chridheil, cĂ irdeil,
An eilean uaine BheĂ rn'raigh
'S iad furanach nam fà rdaichean òrdail;
An coigreach gheibh e bĂ igh ann
Na h-euslaintich gheibh slĂ int' ann.
'N trom inntinn gheibh i tà ladh le ceòl ann.
Ghluais an teaghlach an uair sin gu BeĂ rnaraigh Ăige Leòdhais agus Ă sin chaidh Aonghas a Ghlaschu. Chaochail a mhĂ thair ann an 1930, agus le athair a' dol a dh'Uibhist a Tuath goirid an dèidh sin, thill Aonghas a Nis.
"'S e bliadhnaichean aighearach, sòlasach a chuir e seachad an Nis. Bha e na sheinneadair anabarrach math agus ceòlmhor agus aig an à m ud cha robh banais, fèisd-chiÚil no cèilidh aig nach robh coitheanal là n-riaraichte nuair a bhiodh e fhèin agus Kitty NicLeòid a' seinn, duine mu seach."
Bha Am Bocsair a' cumail bĂšth an Nis gus an do thill e a-rithist a Ghlaschu, ann an 1933. Fhuair e obair ann an Ospadal Hawkhead, far an robh e mu shia bliadhna:
Taigh Ceann a' Chlamhain
nan daoine tha geanail,
'S ann dhomhsa nach b' aireach
thighinn tarsainn a riamh air;
Meadhan an earraich
chaidh mise fo chabair,
'S tha mòran am barail
nach fhaigh mi am bliadhn' Ă s.
Thuirt MĂ iri mo phiuthar
gun chuir i orm umhail,
Nuair bhrist mi na h-uighean
's cearc-ghuire sa chliabh orr';
Gu robh fios aig a' bhaile
an Cros 's anns na Dailean
Gur siud far an stadainn
am amadan cianail.
Ann an 1937, phòs Aonghas Mà iri Mhoireach, Mà iri Dhoileara, nighean le piuthar Dhòmhnaill Chrà isgein, Bà rd Bharabhais. Bha iad an toiseach a' fuireach an Glaschu ach, ann an 1940, thill iad a Leòdhas agus rinn iad an dachaigh ann an Dail bho Dheas, far na thòisich Aonghas ag obair na mharsanta.
Bha ceathrar a theaghlach aca, triÚir mhac, Dòmhnall, Alasdair agus Tormod agus aon nighean, CairistÏona. Tha Alasdair agus Tormod an-diugh aithnichte mar sgrÏobhaichean.
Cha robh Am Bocsair lĂ idir, no gu tur slĂ n. Mar a mhĂŹnich a bhrĂ thair, Am Puilean:
"Ghabh e dĂ thinneas cudthromach an Glaschu a chuir gaiseadh na shlĂ inte agus bho nach robh e gu tur saor a riamh tuilleadh, ged bha e na chomas a ghnothaichean lĂ itheil a chur gu buil gus an dĂ bhliadhna mu dheireadh de bheatha.
Cha robh Ïocshlaint no cungaidh-leigheis da eucail ann san à m ud; agus ged is ann air ceuman mall na feall-fholaich a bha an creachadair a' lagachadh a threòir, bha an deireadh doilgheasach do-sheachnach."
ThĂ inig atharrachadh am beatha Aonghais mu thrĂŹ bliadhna mus do bhĂ saich e agus thug sin buaidh air na dĂ in mu dheireadh a rinn e:
Air sgath aon-ghin do ghaoil
Ăist a' ghlaodh seo bhon talamh
Tha mo lotan ro bhreun
'S chan eil crè annam fallain;
Ged a rannsaich mi geur
Cha robh lèigh dhomh ri fhaighinn
Dh'fhĂ s an saoghal dhomh searbh
'S chaidh a dhearbhadh dhomh falamh.
Ach tog thusa mi, Dhè,
StiĂšir mo cheum air an rathad
Thoir dhomh comas is dèidh
A bhith rèidh riut gun ghearain;
StiĂšireadh m' aignidh 's mo smuain
Air an dĂšthaich tha maireann
Far na dh'ullaich thu Ă it'
Rinn do ghrĂ dh dhuinn a cheannach.
Chaochail Am Bocsair ann an 1949. Chaidh cuid dhe bhĂ rdachd fhoillseachadh an toiseach ann an leabhar beag Ărain GhĂ idhlig, ann an 1943, agus chaidh cruinneachadh na bu mhotha, BĂ rdachd a' Bhocsair fhoillseachadh le MacDonald Publishers an DĂšn Ăideann ann an 1978.
Tha seinneadairean fhathast measail air cuid de na h-òrain aige, gu h-à raidh 'Osag ChÚbhraidh nam Beannaibh' agus 'Air Bhà rr nan Tonn gu SiÚbhlamaid'.
Copyright Š 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lÏn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lÏn nas Úire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lÏn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as Úire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.