Òran air a sgrìobhadh le: Aonghas MacIllFhaolain (Mà rgaraidh, Ceap Breatainn) agus air a sheinn le: maggi agus erika agus Seumas Greumach.
This is a song written by: Aonghas MacIllFhaolain (MÃ rgaraidh, Ceap Breatainn) and sung by: maggi agus erika and Seumas Greumach.
Seinn an duan seo don Innis Àigh,
An innis uaine as gile trà igh;
Bidh sìan air uairibh
Ag cath gu cruaidh ris,
Ach 's e mo luaidh a bhith ann a' tà mh.
Cà it' an trà ith' an tig samhradh ciùin?
Cà it' an trà ith' a thig blà th air craoibh?
Cà it' as bòidhche
An seinn an smeòrach
Air bhà rr nan ògan san Innis Àigh.
Rogh' na h-eunlaith e thar gach à it',
Tha gach sìon ann gum miann a ghnà th;
Air teachd don t-samhradh
'S e leotha 's annsa
Nuair thig an t-à m a bhith ris an à l.
Tiugainn leamsa thun na trà igh
San fheasgar chiùin-ghil aig ìsle là in,
Is chì thu 'm bòidhchead,
'S an liuthad seòrsa,
De dh'eòin tha còmhnaidh an Innis Àigh.
A' ghrian ag èirigh sa mhadainn chiar,
A deà rrsadh èibhneis na ceum don iar,
Le gathan blà thmhor
'S le boillsgeadh à ghmhor,
Bidh a ciad fà ilt' air an Innis Àigh.
An t-iasg as fiachaile, dlùth da thrà igh,
Is ann ma chrìochan is miann leis tà mh,
Bidh gillean èasgaidh
Le dorgha 's lìontan
Moch, moch ga iarraidh mu Innis Àigh.
Nuair bhios na cuantan fo luasgadh trom,
'S a' ghaoith le nuallan a' ruagadh thonn,
An long a' dìosgan
Fo chruas a diachainn,
Bidh fiath nan eun anns an Innis Àigh.
Ged thèid mi cuairt thun an taoibh ud thall,
'S mi 'n dùil air uairibh gum fan mi ann,
Tha tà ladh uaigneach
Le teas nach fuaraich
Gam tharraing buan do an Innis Àigh.
Geà rr an ùine gun teirig là ,
Thig an oidhche is iarrar tà mh,
Mo chadal buan-sa
Bidh, O cho suaimhneach,
Ma bhios mo chluasag san Innis Àigh.

'S ann à Loch an Inbhir, an Asainte, a tha Seumas Greumach agus dh'fhàs e suas ann an dachaidh as an robh ceòl agus òrain ...
Fiosrachadh air Seumas Greumach / Learn more about Seumas GreumachCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.