
'S ann à Loch an Inbhir, an Asainte, a tha Seumas Greumach agus dh'fhàs e suas ann an dachaigh as an robh ceòl agus òrain nam pà irt cudromach de bheatha an teaghlaich.
Nuair a bha e mu naoi bliadhna a dh'aois, thòisich e a' buinnig farpaisean aig Mòdan Ionadail agus Nà iseanta, air a bhrosnachadh le Coinneach MacCoinnich, a mhaighstir-sgoile, agus le bean brà thair a sheanar Seòrdag Mhoireach à Aichillidh Bhuidhe còmhla ris na chuir e seachad iomadh uair a thìde ag ionnsachadh mu òrain agus eachdraidh.
Anns an Àrd-sgoil an Ulapul, bha e ag ionnsachadh na pìoba còmhla ri Tormod MacGillìosa agus ged a b' e seinn am prìomh chuspair a bh' aige ann an Acadamaidh Rìoghail Ceòl is Drà ma na h-Alba (an RSAMD) lean e air le pìobaireachd cuideachd. Ann an 2003, cheumnaich e le B.A. (le Urram) ann an Ceòl na h-Alba.
Tha e fhèin air a rà dh gur e am brosnachadh a fhuair e bhon t-seinneadair Ceana Chaimbeul, a bha ga theagasg anns an RSAMD, a thug dha misneachd pà irt a ghabhail san fharpais BBC Radio Scotland Young Traditional Musician of the Year 2004. B' e a' chiad fhireannach a choisinn an fharpais agus a' chiad sheinneadair Gà idhlig.
Bhuannaich Seumas Bonn Òr a' Chomuinn Ghà idhealaich aig Mòd Loch Abar ann an 2007. Tha e air pà irt a ghabhail ann an iomadh program telebhisean agus rèidio bhon uair sin agus air seinn an iomadh à ite.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.