Òran air a sgrìobhadh le: Raibeart Burns agus air a sheinn le: Katie NicChoinnich.
This is a song written by: Raibeart Burns and sung by: Katie NicChoinnich.
Aon phòg ghrà idh, 's an sin an sgaradh,
Soraidh, slà n, 's gu sìorraidh dealaicht',
Deòir ar cridhe mo dheoch-slà inte,
Osna thùrsach ga mo chrà dh-sa.
Cò a their g' eil Sealbh ga chiùrradh
Is reul an dòchais air a' chùrsa?
Dhòmhsa chan eil solas aoibhneis -
CÃ il ach dorchadas na h-oidhche.
Cha choire dhomh gun tug mi taobh dhi
Cò a dh'fhaodadh Nancy dhiùltadh?
A faicinn bha ag agradh gaoil di
Dhi-sa mhà in, is sin gu daonnan.
Mur a b' e ar gaol cho coibhneil
Mur a b' e ar gaol 's gun fhoill ann,
Mur a b' e ar caidreabh grà dhach
Cha bhiodh a-nis ar cridhe sgà inte.
Soraidh slà n le gnùis na rìghinn
Soraidh slà n le gaol cho prìseil,
Dhutsa guidheam à gh is beairteas
Sìth, Co-chòrdadh, Grà dh is Taitneas.
Aon phòg grà idh, 's an sin an sgaradh,
Soraidh, slà n, mo phrà mh! gu maireann,
Deòir ar cridhe ar deoch-slà inte,
Deòir is osna 's gearain crà iteach.
Tuilleadh Fiosrachaidh
Tha taghadh de dh'òrain Raibeart Burns air an eadar-theangachadh gu Gà idhlig rim faotainn san leabhar Ceud Òran le Raibeart Burns, air an eadar-theangachadh leis an t-Urr. Ruaraidh Dòmhnallach, Crùisgean, 1990.
'S ann à Inbhir Pheofharain a tha Katie NicChoinnich agus cheumnaich i à Acadamaidh Rìoghail Ceòl is Drà ma na h-Alba, an RSAMD, ann an 2008 ...
Fiosrachadh air Katie NicChoinnich / Learn more about Katie NicChoinnichCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.