
Rugadh Raibeart Burns ann an Alloway, dà mhìle deas air Inbhir Àir air 25 Faoilleach, 1759. B' e tuathanaich aig an robh fearann air mhà l a bha na phà rantan ach rinn iad cinnteach gun d' fhuair Raibeart òg deagh sgoil. Bha e air leth dèidheil air leughadh agus thug sgrìobhaichean leithid Alexander Pope agus Lawrence Sterne buaidh air.
Cha robh obair chruaidh air tuathanas an teaghlaich a' tighinn air agus thòisich e a' cur seachad barrachd is barrachd ùine air bà rdachd, òl agus boireannaich. Bhiodh e cuideachd a' cruinneachadh òrain agus a' cur facail ùra uaireannan ri seann fhuinn, fuinn Ghà idhlig nam measg.
Rè ùine, phòs e Sìne Armour, mà thair cà raid chloinne a bh' aige, agus nuair a thà inig sgaradh as a' chà irdeas eatorra, theab e an dùthaich fhà gail le Highland Mary, Mà iri Chaimbeul.
Chaochail Mà iri gu h-obann agus chùm sin, agus an fhèill a bh' air a' chiad chruinneachadh den bhà rdachd aige, e ann an Alba.
'S e Ae Fond Kiss an t-òran as ainmeil a rinn e agus 's ann ri linn cà irdeas a bha eadar e fhèin agus Agnes McLehose, ris na choinnich e an Dùn Èideann ann an 1787, a rinn e an t-òran. Bha Agnes pòsta ach dealaichte bhon duine aice, agus thairis air dà bhliadhna (1787 agus 1788) bha Raibeart agus i fhèin a' sgrìobhadh litrichean gu chèile, uaireannan dà thuras san aon latha.
B' ann an 1792, agus e air cluinntinn gu robh Agnes am beachd a dhol a-null thairis, a sgrìobh e Ae Fond Kiss.
Chaochail Raibeart Burns air 21 Iuchar, 1796, 's gun e ach 37 bliadhna a dh'aois.
Fiosrachadh mun t-Eadar-theangaiche:An t-Urr. Ruaraidh Dòmhnallach
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.