Òran air a sgrìobhadh le: niall mac ille sheathanaich agus air a sheinn le: Còisir a' Loch a Tuath agus sìne flemington.
This is a song written by: niall mac ille sheathanaich and sung by: Còisir a' Loch a Tuath and sìne flemington.
O 's èibhinn an sealladh leam beannaibh mo ghrà idh,
Ag èirigh suas thall ud 's a' gealladh dhomh fà ilt';
Tha ceò air am barraibh mar thannasg a' snà mh
Is fann-ghaoth an Earraich ga iomain gu fà il.
Tha iùbhrach na h-acfhainn cur astair na dèidh,
'S muir ghorm a' Chuain Rosaich dèanamh socair a ceum,
Gam ghiùlan-sa dhachaigh gu cladaichean rèidh,
'S an fhaoileag bheag mhara gam fhair air an sgèith.
A fhraoch-bheannaibh corrach, Ã rd-mhonadh is shliabh,
A shlios nan creag sgorrach 's a' choire nam fiadh,
Mar dhùbhlachd a' gheamhraidh dom aigne bha riamh
Mur faicinn dhiubh sealladh, o bheannaibh mo mhiann.
Tha tuireadh am buille na tuinn' air an trà igh;
Tha crònan na Lusa mar chumha dom chà il,
Cha dà n dhomh bhith fuireach ach siubhal gun dà il,
O slà n leis na h-uile, tha mulad nam dhà n.
Chaidh Còisir Loch a Tuath a stèidheachadh ann an 1984. Bha còisir òigridh, Còisir Òg a' Bhac, a chaidh a' stèidheachadh ann an 1978 airson clann nas ...
Fiosrachadh air Còisir a' Loch a Tuath / Learn more about Còisir a' Loch a TuathCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.