Chaidh Còisir a' Loch a Tuath a stèidheachadh ann an 1984. Bha còisir òigridh, Còisir Òg a' Bhac, a chaidh a' stèidheachadh ann an 1978 airson clann nas òige na 13, anns an sgìre ron sin, ach nuair a dh'fhà gadh iadsan a' bhun-sgoil cha robh còisir ann as am b' urrainn dhaibh seinn. Cha mhotha a bha còisir aig Sgoil MhicNeacail aig an à m seo agus roghnaich Rodney MacCoinnich Còisir a' Loch a Tuath a stèidheachadh airson òigridh aois 13-18, a' ciallachadh gum biodh còisir airson gach aois anns a' choimhearsnachd.
Leig Rodney dheth uallach Còisir a' Loch a Tuath ann an 1989, an dèidh Mòd Steòrnabhaigh, oir bha e cus dha a bhith a' stiùireadh trì còisirean, oir bha còisir inbheach, Còisir Sgìr' a' Bhac, air tòiseachadh a' bhliadhna sin cuideachd.
Ghabh comataidh de phà rantan thairis cùisean agus bha Noel Eadie aig an stiùir an ath bhliadhna airson Mòd Bhaile Ghobhainn. Ghabh Norma Scobie, a bha cuideachd a' stiùireadh Còisir Ghà idhlig nan Loch aig an à m, an còisir airson dà bhliadhna an dèidh sin.
Bha Gillian, nighean Rodney, a' coimhead às dèidh a' chòisir airson bliadhna, fhad 's a bha i ag ionnsachadh a dreuchd ann an oifig lagh ann an Steòrnabhagh. Thug ise an còisir gu Mòd Àrd Ruighe (1993) agus sheinn iad mu choinneamh a' Phrionnsa Teà rlach nuair a dh'fhosgail e Ospadal nan Eilean.
Thug Patricia Kerr an còisir gu Mòd Dhùn Omhainn (1994) agus b' e sin a' bhliadhna mu dheireadh a bha an còisir a' dol. Bha e doirbh neach-stiùiridh a lorg agus bha Còisir Sgoil MhicNeacail air tòiseachadh a-rithist agus dh'fhaodadh a' chlann seinn anns a' chòisir sin.
Bha Còisir a' Loch a Tuath air leth soirbheachail aig co-fharpaisean a' Mhòd Nà iseanta anns na bliadhnaichean 1984 gu 1994.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.