Bha Mo Leannan Ann

Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Mairead NicNèill.

This is a song written by: Gun Urra and sung by: Mairead NicNèill.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Ged tha mi 'm ònar sna beannaibh
Chan eil mo shunnd ris na fearaibh
Gun d' thug mi mo bhòid 's mo ghealladh
Nach dèanainn mo cheann a cheangal
On a fhuair mi fhèin ort sealladh
Mo cheist air sealgair na h-eala.

Sèist / Chorus

Bha mo leannan ann
Bha mo leannan bòidheach barail
As a' bhail' ud thall.

Mo rÚn mac na mnà Slèibhtich'
A chumadh 's a dh'fhuaileadh lèine
Chuireadh a' sÏod air a' phèarlainn
Bu mhòr m' earbs' as do làimh threubhaich
B' fheàrr leam gun dèanainn beairt rèidh riut
'S cha dèan mi sin gu là m' euga.

Cha dèan mi seudan a ghabhail
Ge b' e cò thig am rathad
Tha mo dhĂšil ri d' lĂ imh-sa fhathast
Òganaich as deise gabhail
Fo d' ghunna, fo d' sgèith, fo d' chlaidheamh
B' Ăšr a' choill an d' fhĂ s an t-abhal.

Gur e mo rÚn an t-òg gasda
Bu chĂširteil a' dol gu faiche
Gum b' e siud a rogha fasain
Còt' is fèileadh air a phleatadh
'S tric a bha mi 'n cirb do bhreacain
An Ă ite nach bith cĂ ch gar fhaicinn.

Mhoire, 's e mo rĂšn a' saighdeir
Briom-shĂšil a mhealladh na maighdeann
Ruithe cruaidh air chĂšl na saighde
LĂ mh dheas a bhualadh nam paoicean
Mar riut chaidlinn an oidhche
'S cha d' shaoil mi gum biodh tu foill dhomh.

Mhoire, 's e mo rĂšn an t-uasal
ShiĂšbhladh an oidhche dha fuairead
Gur e dhĂšisgeadh Ă s mo shuain mi
Faram bhith crathadh do ghruaige
Bhiodh do dhagaichean ga fuasgladh
'S d' adhairc fhĂšdair an taobh shuas dhĂŹom.

Dhòmhnaill 'ic Nèill 'ic Iain Bhuidhe
Chaidh do shaothair ort am mutha
Dh'fhalbh a' ghruagach dhonn na siubhal
Le fear Ă rd na gruaige duibhe
Cruinn chas a dhĂŹreadh am bruthach
Dh'fhàgadh calpa 'n dèidh na spriuthar.

Chaidh sibh air choinneamh a dh'Uibhist
SlĂ n gun till sibh Ă s gun phuthar
Càirdeas na fear òg on Bhuthainn
'S an oighre o Ghleanna Cumhann
A bha uasal mar bu chumhaidh
'S Raghnall o Cheapaich nan ubhal.

Mhoire, 's e mo rĂšn an gille
Bha raoir an Eilean na Cille
Beul meachair a' chòmhraidh mhilis
Ghabh mi mo chead dhĂŹot sa linnidh
'S thug siud air mo shĂšilean sileadh
Guma slàn gun dèan thu tilleadh.

Cha robh bò dhubh no bò ghuail fhionn
No bò bhreac an iomall buaile
Nach cuirinn, a ghaoil, gad fhuasgladh
Mar b' e 'n t-eug a sgaradh bhuam thu
Sona 's tu fhèin ga fuadach
Cràdh air an tè thèid gad ruagadh.

Seinneadairean / Performers

Mairead NicNèill

Rugadh Mairead NicNèill, Mairead Fhorbais, air 27 DÚbhlachd ...

Fiosrachadh air Mairead NicNèill / Learn more about Mairead NicNèill

Copyright Š 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lÏn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lÏn nas Úire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lÏn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as Úire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.

Trending Now