Rugadh Mairead NicNèill, Mairead Fhorbais, air 27 Dùbhlachd, 1945.
B' e Forbais far-ainm a h-athair. Nuair a bha e na ghille beag ann am Borgh am Barraigh, cha robh as an teaghlach ach e fhèin 's le sin ma dh'fhaoidte gu robh a mhà thair agus athair beagan na b' fheà rr dheth na bha iadsan aig an robh teaghlaichean mòra. Bha a mhà thair daonnan a' snìomh agus a' fighe chlòithtean air beairt.
An turas seo thà inig fear-siubhail mun cuairt agus b' e Forbes an t-ainm a bha air agus bha deise chlò air. Chòrd an dath agus am pà tran gu mòr ri seanmhair Mhairead agus an ceann ùine dh'fhigh i clò leis an aon phà tran agus rinn i deise dhan ghille beag leis. Air sgà th na deise thug iad Forbais mar fhar-ainm air.
B' e Niall Mhìcheil Aonghais Ruaraidh athair Mhairead agus b' e Mà iri Anna Uilleim Mhìcheil a mà thair. Bha sianar a theaghlach aca, còignear nighean agus aon ghille agus bha an dachaigh an Eòlaigearraidh, ann an à ite ris an cante Sgoireabhal, am pà irt is fhaide tuath de Bharraigh.
Sin far na rugadh 's na thogadh Mairead. Chaidh i do Sgoil Eòlaigearraidh agus an dèidh sin do Sgoil Bhà gh a' Chaisteil airson dà bhliadhna mus deach i do dh'Acadamaidh Inbhir Nis aig aois 14. Nuair a dh'fhà g i an sgoil chaidh i a dh'ionnsachadh a bhith na tidsear an Colaiste Notre Dame ann an Dowanhill an Glaschu.
Thill i a Bharraigh a dh'obair, an toiseach airson ceithir bliadhna ann an Sgoil Eòlaigearraidh. Leig i seachad teagasg airson teaghlach a thogail an dèidh pòsadh Ronnie MacNèill, Ronnie Nèill a' Phosta à Barraigh. Bha triùir a theaghlach aca, Anne Marie, Ruaraidh Eòsaibh agus Mà iri Anna.
Nuair a thill Mairead a dh'obair chaidh i a theagasg a Bhrèibhig, 's thug i 17 bliadhna as an sgoil sin. Thug i an uair sin dhà na trì bhliadhnaichean a' dol mun cuairt sgoiltean, a' teagasg ceòl agus òrain agus a' chlarsaich, mus deach i dhan Ionad Ghà idhlig ann an Sgoil Bhà gh a' Chaisteil airson 12 bliadhna. Leig i dhith a dreuchd aig deireadh 2005 agus tha i an-diugh a' fuireach an Ghlaschu, air a cumail trang a' coimhead às dèidh 7 oghaichean.
Bha mà thair Mhairead dèidheil air seinn agus òrain agus, ged nach biodh a h-athar tric a' seinn, nuair a ghabhadh e tè bheag no dhà aig à m Bliadhn Ùire 's ann a chluinneadh daoine cho eòlach agus a bha e air mòran òrain.
Sheinn Mairead air beulaibh dhaoine an toiseach aig consairt ann an Sgoil Bhà gh a' Chaisteil. B' e 'Fraulein' an t-òran a ghabh i fhèin agus bana-charaid òg.
B' ann nuair a thill i dhachaigh an dèidh a bhith sa Cholaiste a ghabh i ùidh mhòr ann an òrain agus a thòisich i a' seinn. Bha Mgr. Calum MacIlllFhialain an uair sin na shagart sa Bhà gh a Tuath agus e dèidheil air òrain agus ceòl agus bha e ga misneachadh. Bhiodh Mairead a' seinn leatha fhèin agus còmhla ri Criosaidh NicDhòmhnaill (Criosaidh "Denny) agus Nan Bochanan. Seinn agus spòrs gu leòr na lùib.
Am measg an fheadhainn a bha Mairead a' teagaisg bha Catrìona Anna Nic a' Phì agus clann a bhiodh a' dol gu Mòdan a sheinn no a chluich na clà rsaich. Cha do dh'fheuch i fhèin aig Mòd ach aon turas riamh. Bha i cho eagalach agus gum b' fheudar dhith stad agus "rinn mi òinseach dhìom fhìn."
Bha a nighean fhèin, Mà iri Anna, agus clann a peathar, Cathy, dèidheil air a bhith seinn ann am farpaisean chòmhlain aig Mòdan agus thòisich Mairead a' sgrìobhadh òrain leithid 'Eòlaigearraidh' dhaibh. B' e clann a sheinn 'Ceòl air a' Ghaoith' agus 'Tìm' an toiseach, ged a bhiodh Criosaidh NicDhòmhnaill (Criosaidh "Denny) cuideachd gan gabhail.
Bhiodh Mairead a' seinn san eaglais agus chuir i ceòl agus dh'eadar-theangaich i laoidhean leithid A Thighearna Dhia.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.