Òran air a sgrìobhadh le: Donnchadh MacIain agus air a sheinn le: alasdair c. macGillìosa.
This is a song written by: Donnchadh MacIain and sung by: alasdair c. macGillìosa.
Sèist / Chorus
Ho rì ho ri à , hoireann à hoireann ò
O chì mi do bhà t' air Maol gabhaidh na h-Odh'
A Cholla, mo ghrà idh, rinneadh tà ir air do chòir,
Thigeadh dhut-sa bhith dà n, 's iomadh nà mh th' air do thòir.
Thigeadh dhut-sa bhith dà n, 's iomadh nà mh th' air do thòir
'S glan siùbhlach i snà mh; birlinn rà mhach nan seòl,
'S i sgoltadh an t-sà il air bà rr nan tonn mòr
I ga iarraidh ro chà ch 's muir a' rà nail nan seòl.
A dh'ainfhios cà ich, tha do chaladh a ghaoil
Far an laigh thu gu slà n aig amaibh nach saoil,
'S trom là idir do là mh ri garbh shèideadh gaoith
Ri sruth lìonaidh no trà ghadh 's muir à rd air a' Chaol.
An dèidh gaillionn is gaoth, thig fèath agus ceò
'S thig tarraing air maol dh'aindeoin duine tha beò,
'S thug thusa gun dà il le t-armuinn air dòigh
'S chithear bratach gu h-à rd air faiche Chloinn Dòmhnaill.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.