Rugadh Donnchadh MacIain air 20 LĂąnastal, 1881 ann an Lag a' Mhuilinn an ĂŚle.
A rèir aithris air prògram Gà idhlig a' BhBC air 29 Dà mhair, 1936:
"Bhuineadh athair don Ros Mhuileach ach air son sin b' Ìleach athair athar, agus b' ann de Chlann Iain e, a bha nam pìobairean aig Dòmhnallaich Ìle. Air là mh seo bu dual do Dhonnchadh ceòl a bhith na chuislean. Ach a thuilleadh air a' sin, bha a mhà thair cà irdeach do Dhùghall MacPhà il a sgrìobh òran an à igh, An t-Eilean Muileach.
Mar bhalach bha e air oideachadh ann an trì sgoiltean – sgoil oidhche nam bodach, sgoil là na sgìre agus sgoil nan raon 's nam bruach.
Bha e na dheagh sgoilear agus nan robh e air an cothrom fhaighinn bhiodh e air a dhol astar fada mar fhoghlamaiche. Ach cha robh sin an dà n. B' èiginn dha an Àrd Bheag fhà gail agus aghaidh a chur air obair maille ri athair, a ghabh os là imh sgrìob de rathad mòr an Rìgh a chumail an òrdugh.
Thug seo do Dhonnchadh cothrom air luchd-falbh an rathaid a choinneachadh agus air iomadh seann sgeul a chruinneachadh. Agus a-muigh am fradharc a' mhonaidh, thòisich mo laochan air rainn a chur ri chèile, is air òrain a chur air fonn, ach an toiseach cha robh fios aig mòran cò bha ris a' bhà rdachd ùr."
Ach cha deach aig Donnchadh air a thĂ lant a chleith.
"Cò thà inig a' rathad agus a chuala a bhà rdachd, agus a thuig cho math agus a bha i, ach Niall MacLeòid, am bà rd Sgitheanach. Air ball rinn e air Donnchadh agus, nuair a thà inig e, 's ann a theab e a dhochann mur do rinn e sin, airson gu robh e a' cumail am falach an tiodhlac a fhuair e.
Arsa Niall ris, "Tha spiorad na bĂ rdachd agad. Feuch nach leig thu leis meirgeadh!"
Agus anns an dealachadh thuirt e ris, "Chan eil fhios agam nach tu a sgrìobhas mo mharbhrann fhìn fhathast."
Agus mar a thachair sgrìobh Donnchadh MacIain 'Cumha Nèill MhicLeòid' nuair a chaochail am bà rd.
Air fraoch bheannaibh stĂącadh
Cluinn giucal a' bhròin,
'S a' ghaoth mhòr a' diùltainn
A ghiùlain le deòin;
Ghuil caointeach gu tĂąrsach,
Sguir buileach na h-eòin
'S thaom Cuiltheann nan Sruthan
Fo churrachd den cheò.
Phòs Donnchadh MacIain anns a' bhliadhna a thòisich an cogadh agus b' ann nuair a dh'fhà g e a bhean ann an Ìle airson aghaidh a chuir air raointean a' bhlà ir a sgrìobh e Sìne Bhà n.
Bha e anns an Ochdamh Argyll and Sutherland Highlanders fo Chaiptean Alasdair MacArtair à Inbhir Aora. B' ann nuair a thuit MacArtair sa bhlà r a sgrìobh Donnchadh 'Cumha Alasdair', ach an dèidh a mhilleadh le gas thà inig air tilleadh dhachaigh an 1916.
Dh'fhĂ g e ĂŚle sa bhliadhna 1918 agus bha e ag obair ann an Oilthigh Ghlaschu, ann an Roinn nam Feallsanachd NĂ darra, gus an do leig e dheth a dhreuchd an 1945.
Chaidh a chrùnadh mar Bhà rd leis a' Chomunn Gà idhealach aig Mòd Pheairt an 1929. B' e 'A' Ghealach' cuspair na bà rdachd a choisinn an Crùn dha.
Bha ùidh mhòr aige ann an eachdraidh agus ann an dualchas mar a chithear bho chuspairean cuid de an h-òrain aige.
Air prògram Gà idhlig a' BhBC air 1 Cèitean, 1947, thuirt a charaid Iain Mac a' Phì agus e a' bruidhinn air an t-òran A' Bhanarach Chaoin:
"Nach aidich sinn uile gu bheil sinn gu mòr na chomain airson mar a chùm e air mhaireann dhuinn an earrann thiamhaidh sin de cheòl drùidhteach Pìobaireachd Fhalaich Chloinn Aoidh ... rinn e sin le briathran sìmplidh a tha co-fhreagairt à illeachd a' chiùil. Mur a biodh ar caraid air gabhail ris an fhonn mar a chuala e e bho na seann daoine, bha a' chuid seo den phìobaireachd anns an duslach maille riutha-san dam b' aithne a dhìomhaireachd".
Tha grunn math de dh'òrain Dhonnchaidh air an seinn fhathast, nam measg Bìrlinn Cholla Chiotaich, A' Bhanarach Chaoin, Am Bà ta Rannach, Cà rn air a' Mhonadh agus Birlinn Ghoraidh Chròbhain.
Chaochail e ann an 1947, agus tha e air a thiodhlacadh an Cladh Chill Neachdain ann an ĂŚle.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.