Òran air a sgrìobhadh le: Ceana Chaimbeul agus Ceitidh Mhoireasdan agus air a sheinn le: Mà iri Anna NicUalraig.
This is a song written by: Ceana Chaimbeul and Ceitidh Mhoireasdan and sung by: MĂ iri Anna NicUalraig.
Moch sa mhadainn 's mi ag èirigh
Cha bu lèir dhomh trom dheòir;
Cha robh claisneachd nam chluasan
'S bha mo smuaintean nan ceò;
Bha mise ann am bruaillean
Bhon a fhuair mi bun sgeòil
A bhith cluinntinn nach buan thu
Ach sa chuan fhuar mhòr.
Gur an-sheasgair san fheasgar
Leab' an fhleasgaich a dh'fhalbh,
'S i a chluasag bha fuaraidh
'S plaide bhuan fheamainn dhearg
Suainte mun cuairt air
Fear bu dualach bhith garg;
Fear bu shuaicheanta uasal
Nise fuar an neul marbh.
Tha do ghruag a bha cuachach
Na tuainealan fliuch,
'N fhaochag bheag na do chluasan,
SĂąil an uaill 's i gun phioc;
Beul na fìrinn bha uaibhreach
Air a bhuain aig na bric,
'S thusa thruaghain gun ghluasad
'M bun a' chuain fo do lic.
Gur a coimheach is grĂ nda
Muir bhĂ n os do chionn,
I a' beucail 's a' bĂ rcadh
Is tu bĂ thte na grunnd;
Bha uair eile dhĂ sin
Nuair b' e tĂ ladh mo rĂąin
Bilean milis ri mĂ ran
An leaba bhlĂ th 's mi rid thaobh.
Nis do sheòmar gun dòigh air,
Snidhe dòrtadh gu là r;
Cha b' e sin nì a b' eòl dhut
Ach do sheòmar bhith blà th;
Braidseal mòr teine mòna
A' cròiceadh bhon fhà d
Ach a-nochd 's iad na ròin
Tha nad chòmhlan-sa ghrà idh.

Rugadh agus thogadh MĂ iri Anna NicUalraig ann an Glaschu. Bha a h-athair Ă Tiriodh agus tha a mĂ thair, Ceana Chaimbeul, ainmeil mar sheinneadair agus mar ...
Fiosrachadh air Mà iri Anna NicUalraig / Learn more about Mà iri Anna NicUalraigCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.